Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 743: Aimhreit an t-Sròim

Bha mi ag innse dhuibh mun SS Ferret a bha uaireigin a’ frithealadh nan eilean à Port an t-Sròim ann an Ros an Iar. Bha am Ferret ann an Astràilia nuair a bha tachartas aig an t-Sròm a chuir am baile beag sìtheil sin air aire muinntir Bhreatainn. Airson greis, cha robh an t-àite buileach cho sìtheil. Tha mi airson innse dhuibh mu Aimhreit an t-Sròim ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883).

            Bhiodh iasg gu leòr a’ tighinn bho iasgairean an taobh an iar do na trèanaichean anns an t-Sròm. Bhiodh sin a’ tachairt a h-uile latha san t-seachdain, eadhon air an t-Sàbaid. Rinn muinntir na h-Eaglaise Saoire gu h-ionadail gu math soilleir nach robh iad toilichte mun chùis.

            Chaidh aontachadh gum biodh na bàtaichean-smùide a’ ruigsinn an t-Sròim tràth gu leòr Disathairne ’s gum biodh a h-uile rud air bòrd nan trèanaichean ro mheadhan-oidhche. Gu mì-fhortanach, air sàillibh droch shìde is ghnothaichean eile, cha robh sin a’ tachairt fad na h-ùine.

            Thàinig gnothaichean gu ceann air Disathairne an dàrna latha dhen Ògmhios. Mu mheadhan-oidhche bha bàta aig a’ chidhe agus bha na maraichean is luchd-obrach na rèile a’ feuchainn ris an stuth a thoirt aiste. Ach bha daoine a’ cur stad orra. Bha maidean aig feadhainn dhen luchd-iomairt.

            Chaidh an crann a bha a’ togail nam bogsaichean a bhriseadh. Ach bhathar fhathast a’ falamhachadh a’ bhàta. Bha tòrr bhogsaichean ann, agus iad làn sgadan. Aig uair sa mhadainn, thàinig dàrna bàta a-steach, làn èisg. Bha còrr is ceud neach-iomairt ann a-nise.

            Dh’fheuch an luchd-obrach ri mìneachadh do mhuinntir na h-Eaglaise gun robh an carago luachmhor agus gun robh e mar dhleastanas orra a bhith a’ falamhachadh nam bàtaichean. Ach thuirt an luchd-iomairt gun robhar a’ briseadh lagh Dhè. Ghèill an luchd-obrach agus sguir an obair.

            Bha manaidsear an stèisein air fios a chur a dh’Inbhir Nis mun t-suidheachadh. Aig aon uair deug sa mhadainn, air an t-Sàbaid, thàinig seachdnar phoileas air trèana a bh’ air a chur air dòigh dhaibh gu sònraichte. Nam measg bha an t-Àrd-chonstabal airson Siorrachd Rois, Dòmhnall Rothach. Cha do chòrd an gnothach ùr seo ris an luchd-iomairt idir. Bha timcheall air ceud gu leth aca air a’ chidhe agus dhiùlt iad falbh.

            Ged nach robh an sguad poilis uabhasach mòr, thug Dòmhnall Rothach òrdugh dhaibh leum a-staigh am measg an luchd-iomairt airson an iomain far a’ chidhe. Dh’fheuch iad sin sia tursan. Dh’fhuiling an dà thaobh buillean cruaidh. Bha feadhainn air an goirteachadh. Ach, a dh’aindeoin sin, cha robh taobh seach taobh deònach gèilleadh.

            Bha ministear aig an Eaglais Shaoir, a bhuineadh do Na Hearadh, a’ fuireach anns an Taigh-òsta ann am Port an t-Sròim. Leis gun robh Gàidhlig aige, thabhann e a thaic do na poilis, feuch an gnothach a rèiteach gun tuilleadh aimhreit.

            Chaidh e a-mach a bhruidhinn ris an luchd-iomairt agus dh’iarr e orra leigeil le luchd-obrach na rèile tilleadh don obair aca. An robh e soirbheachail? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Port an t-Sròim: Stromeferry; Aimhreit an t-Sròim: The Stromeferry Riot; gu h-ionadail: locally; chaidh aontachadh: it was agreed; bàtaichean-smùide: steamboats; sgadan: herring; sguad: squad, group.

Abairtean na Litreach

a chuir am baile beag sìtheil sin air aire muinntir Bhreatainn: that brought that peaceful village to the attention of the people of Britain; cha robh an t-àite buileach cho sìtheil: the place wasn’t quite so peaceful; eadhon air an t-Sàbaid: even on the Sabbath; muinntir na h-Eaglaise Saoire: the people of the Free Church; air bòrd nan trèanaichean ro mheadhan-oidhche: on board the trains before midnight; air sàillibh droch shìde is ghnothaichean eile: because of bad weather and other matters; bha na maraichean is luchd-obrach na rèile a’ feuchainn ris an stuth a thoirt aiste: the crewmen and the railway workers were attempting to the get the stuff off her; bha maidean aig feadhainn dhen luchd-iomairt: some of the protesters had sticks; chaidh an crann a bha a’ togail nam bogsaichean a bhriseadh: the crane that was lifting the boxes was broken; bhathar fhathast a’ falamhachadh a’ bhàta: the boat was still being emptied; gun robh an carago luachmhor: that the cargo was valuable; gun robh e mar dhleastanas orra: that it was their duty; a’ briseadh lagh Dhè: breaking God’s law; ghèill an luchd-obrach agus sguir an obair: the workers gave way and the work stopped; a bh’ air a chur air dòigh dhaibh gu sònraichte: that was put on for them specially; dhiùlt iad falbh: they refused to leave; airson an iomain far a’ chidhe: to drive them off the quay [but not into the water!]; dh’fhuiling an dà thaobh buillean cruaidh: both sides suffered severe blows; a dh’aindeoin sin, cha robh taobh seach taobh deònach gèilleadh: despite that, neither side was willing to yield; leigeil le luchd-obrach na rèile tilleadh don obair aca: allow the railway workers to return to their work.

Puing-chànain na Litreach

thàinig seachdnar phoileas air trèana: seven police officers came on the train. Seachdnar means ‘seven people’ and is one of the numerical nouns (following on dithis, triùir, ceathrar etc). It commands a noun in the genitive plural eg seachdnar mhac, seachdnar chluicheadairean, seachdnar bhoireannach. Phoileas is the (indefinite) genitive plural form of poileas, which slenderises to form its nominative plural poilis.

Gnàthas-cainnt na Litreach

thabhann e a thaic do na poilis, feuch an gnothach a rèiteach: he offered his assistance to the police, in an attempt to sort out the matter.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast