Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain le cunntas beatha naoimh Albannaich. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

ProducerMaggie MacKinnon.

5 minutes

Clip

Litir 739: An Sagart à Pabaigh

Bha mi ag innse dhuibh mun t-sagart à Pabaigh a bha san Eilean Sgitheanach. Bha e a’ gabhail fois ann an innis sa choille. Bha bachall prìseil aige. Thàinig sìthichean. Dh’iarr an ceannard gum beannaicheadh an sagart iad.

            ‘Cò sibh?’ dh’fhaighnich an sagart.

            ‘Sìthichean,’ fhreagair am bodach. ‘Tha sinn ag iarraidh oirbh ùrnaigh a dhèanamh air ar son. Cha d’ fhuair sinn riamh beannachadh Dhè.’

            Dh’èirich an sagart. ‘Ùrnaigh a dhèanamh air ur son?!’ thuirt e. ‘Cha dèan mi sin a-chaoidh. Do pheacaich mhòra mar a tha sibhse, chan eil mathanas ann.’

            Thàinig cailleach bheag air adhart. ‘Tha aoibhneas ann an Nèamh,’ thuirt i, ‘mu aon pheacach a tha a’ gabhail aithreachas. An neach a thèid a lorg Dhè, cha tèid a dhiùltadh.’

            Chuir faclan na caillich dragh air an t-sagart. Ach, fhathast, bha e a’ creidsinn gur ann a dh’Ifrinn a bhuineadh na sìthichean. ‘B’ fheàrr leam gum biodh mo bhachall na chraoibh a-rithist seach gum faigheadh sibhse mathanas Dhè,’ thuirt e. ‘Thallaibh às mo shealladh!’

            Agus theich na sìthichean. Ged a bha e deimhinne na theachdaireachd, bha teagamh ann an inntinn an t-sagairt. Mheòraich e air aodann a’ bhodaich agus aodann na caillich nuair a dhiùlt e na tagraidhean aca. Bha inntinn làn smuaintean agus dhìochuimhnich e a bhachall a thoirt leis nuair a dh’fhalbh e. Lean e air tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean. Bha am fuaim air feadh na coille.

            Bha an sagart air an rathad a thadhal air teaghlach agus ràinig e am bothan aca. Bhaistich e an leanabh ùr aca. Agus thug e rabhadh do phàrantan a’ phàiste a bhith air am faiceall oir bha sìthichean anns an nàbachd.

            Chuimhnich e a bhachall. Rinn fear an taighe bata ùr dha de dh’fhiodh-uinnsinn. Ach bha an seann bhachall prìseil don t-sagart agus chuir e roimhe a lorg.

            Dh’fhàg e an taigh, agus thill e don innis anns a’ choille. Ràinig e i ach cha robh sgeul air a’ bhachall. Far an do dh’fhàg an sagart a bhachall, bha craobh-uinnsinn mhòr air èirigh.

            Thuit an sagart do a ghlùinean. Rinn e ùrnaigh airson ùine mhòr. Bha e a’ cuimhneachadh na thuirt e ris na sìthichean. Bha e a’ gabhail aithreachas. Bha e a’ creidsinn gun robh Dia air bruidhinn ris. Ghairm e air na daoine beaga ach cha do thill iad. Ghluais e tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean ach cha tigeadh iad faisg air.

            Thill an sagart a Phabaigh far an d’ fhuair e cead an t-eilean fhàgail airson a bhith a’ fuireach anns a’ choille. Rinn e searmonan a latha ’s a dh’oidhche do dhuine sam bith a dh’èisteadh ris. Agus do dh’ainmhidhean is eòin is craobhan. B’ e an teachdaireachd aige ‘mathanas Dhè agus mar a gheibh duine sam bith e’. Mean air mhean sguir an caoineadh sa choille, ach chan fhaca an sagart na daoine beaga tuilleadh.

Faclan na Litreach

Pabaigh: Pabay; sìthichean: fairies; ùrnaigh: prayer; mheòraich e: he contemplated; caoineadh: wailing; nàbachd: neighbourhood; craobh-uinnsinn: ash tree.

Abairtean na Litreach

a’ gabhail fois ann an innis sa choille: resting in a clearing in the forest; dh’iarr an ceannard gum beannaicheadh an sagart iad: their leader asked that the priest bless them; cò sibh?: who are you?; tha sinn ag iarraidh oirbh ùrnaigh a dhèanamh air ar son: we want you to pray [make a prayer] for us; cha d’ fhuair sinn riamh beannachadh Dhè: we’ve never received the blessing of God; cha dèan mi sin a-chaoidh: I’ll never do that; do pheacaich mhòra mar a tha sibhse, chan eil mathanas ann: for terrible sinners like you there is no forgiveness; leig am bodach beag osna ach cha tuirt e smid: the wee old man sighed but he said nothing; tha aoibhneas ann an Nèamh: there is joy in Heaven; aon pheacach a tha a’ gabhail aithreachas: one sinner repenting; an neach a thèid a lorg Dhè, cha tèid a dhiùltadh: the person who goes in search of God, he won’t be refused; chuir faclan na caillich dragh air an t-sagart: the old woman’s words upset the priest; gur ann a dh’Ifrinn a bhuineadh na sìthichean: that the fairies belonged to Hell; b’ fheàrr leam gum biodh mo bhachall na chraoibh a-rithist: I’d sooner have my staff becoming a tree again; seach gum faigheadh sibhse mathanas Dhè: than that you would receive God’s forgiveness; nuair a dhiùlt e na tagraidhean aca: when he refused their pleas; dhìochuimhnich e a bhachall a thoirt leis: he forgot to take his staff with him; bhaistich e an leanabh ùr aca: he baptised their new baby; a bhith air am faiceall: to be careful; bata ùr de dh’fhiodh-uinnsinn: a new stick of ash wood; chuir e roimhe a lorg: he decided to look for it; bha e a’ gabhail aithreachas: he was regretful; ghairm e air na daoine beaga: he called for the little people; far an d’ fhuair e cead an t-eilean fhàgail airson a bhith a’ fuireach anns a’ choille: where he got permission to leave the island in order to live in the forest; rinn e searmonan a latha ’s a dh’oidhche: he gave sermons night and day; do dhuine sam bith a dh’èisteadh ris: to any person that would listen to him; mean air mhean sguir an caoineadh: slowly the wailing ceased; chan fhaca an sagart na daoine beaga tuilleadh: the priest never again saw the little people.

Puing-chànain na Litreach

Bha bachall prìseil aige: he had a valuable staff. Bachall can mean a shepherd’s crook or a stick or staff used by a non Church person but its Latin origin (in baculum) gives away that its original primary meaning in Gaelic was likely that of a crozier or a staff belonging to a bishop or priest.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Thallaibh às mo shealladh!: get out of my sight! (plural)

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast