Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

09/11/2012

Lèirmheas air a' film "The Sapphires", reasabaidhean Geamhraidh a chumas a' fuachd air falbh le Seonag Nic a' Ghobhainn agus air aoigheachd fad a' phrògram an-diugh Sandra NicIlliosa. bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Fri 9 Nov 2012 12:03

Cearc Spàinneach

Cearc Spàinneach

8 -12 pìosan circe (tha sliasaidean math)
1 uinnean mhòr
1 spàin mhòr ola chroinn-ola (faodar ola sunflower a chleachdadh cuideachd)
2 no 3 isbeanan chorizo air an gearradh nam pìosan beaga
2 phìos creamh air a’ phrannadh
800g balgan-buachair air an gearadh nan slisean
1 phiobar dearg agus 1 phiobar buidhe air an gearradh nan slisean
1 chana tomàtothan
1 spàin tomàto puree
40g tomàtothan tioram air an gearradh beag
1 spàin-teatha paprika
1 spàin-teatha oregano
Salann agus piobar
Glainne fìon geal
1 phìnnt stoc circe
1 chana chick peas no butter beans (faodar seo fhagail as ach tha e glè mhath airson a dhèanamh nas tighe) 

 

Blàthaich an àmhainn gu 6 gas/400F no 200C

Cuir na pìosan circe agus an ola dhan praigheapan airson mionaid no dha gus am bidh an fheòil soilleir donn (cha leig e leas a bhi bruich fhathast).

Gluais na pìosan circe gu soitheach casserole agus cuir chun an darna taobh an dràsta.

Cuir na h-uineanan dhan phana agus praighig iad gus a bheil iad soilleir donn. Cuir ann na balgan-buachair, isbeanan chorizo, creamh agus còcairaich airson a dha no thrì mhionaidean. Cuir ann an còrr dhen stuth gus an tig e chun a’ghoil.  Leig leis goil gu socair airson còig mionaidean.  Dòirt an t-uachdair air an fheòil circe agus cuir an casserole dhan àmhainn 45 mionaidean agus uair a thìde.

Faodar seo ithe le ribeanan pasta no buntàta prann agus lusan.

Paidh Ubhail

Paidh Ubhail

Pastraidh
8oz flùr pleana
2oz geir
2oz ìm
2oz siùcair



Measgaich a h-uile rud ri chèile gus am bidh e gu math mìn.  Cuir gu leòr burn ris airson taois a dhèanamh dheth.  Cuir dhan a frids e airson 20 gu 30 mionaidean.

 

1 ½ pùnnd ùbhlan (an sìl air a thoirt as agus air an gearradh nan slisean)
3 oz rèiseid no dearcan-dubha
2oz siùcair donn (bog)
1 spàinn-teatha caineal (cinnamon)
Cairteal cnò-mheannt (nutmeg) air a ghearradh gu mìn
1 ugh air a bhualadh airson ghleans  (glazing)
Craiteachain siùcair airson a chuir air uachdar

 

Blàthaich an àmhainn gu Gas 6 / 400F / 200C

Rolaig a-mach am pastraidh gu tighead bonn airgid not. Còmhdaich triedhe àmhainn le ìm agys cuir am pastraidh air (mu chleachdas tu ìm ceart cumaidh seo am pastraidh gun a bhi amh na mheadhon)

Liacraich an taobh àrd den phastraidh le ugh air a bhualadh (cumaidh seo am pastraidh gun a bhith air a’ bhogachadh leis an t-sùgh.

Measgaich na measan, siùcair agus na spìosraich gu lèir ann am bobhla agus dòirt an teis-meadhan a’ phastraidh.

Paisg oir a phastraidh a-steach air na measan a’dèanamh cìnnteach nach eil toll no sgàineadh timcheall na h-oirean (na gabh cus uallach mu dheidhinn a’ chumadh agus  cuimhnich tha còir aige a bhidh caran “rustic”  na choltas)

Liacraich ugh air a bhualadh air a’ phastraidh agus crath siùcair air uachdar.

Cuir dhan àmhainn airson 35 mionaidean.

Faodar ithe leis fhèin no le custard, ice cream, bàrr  no crème fraiche.