Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Seirbheis bho 1996 còmhla ris a' Chanan Iain A Mac a' Bhreatannaich 1/2

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Naomh Barr ann am Barraigh a' seinn 'A Thighearna Dhia agus O Thig a Nuas a Spioraid Naoimh', agus Còisir Naomh Peadair a' seinn 'Di do Bheatha'.

Leughaidhean : 1 Samuel 3: 3-10 &19
Eòin 1: 35-42

Ceann-teagaisg: 1 Samuel :3

Rugadh Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich neo 'an Canan' mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile Bhrèibhig ann am Barraigh ann an 1945. Ghluais an teaghlach aige dhan Òban nuair a bha e gu math òg. B' ann às dèidh sin 's gun e ach dusan bliadhna a dh'aois a dh'fhairich e ann fhèin gun robh ceangal daingeann agus làidir aige ris an eaglais agus ri chreideamh agus cha robh fada gus an deach e a dh'ionnsaigh dreuchd na sagartachd.

Às dèidh dreuchd sagairt a thoirt a-mach anns a' Ghiblean 1971, chuireadh e gu paraiste Naomh Peadair ann an Dalabrog na shagart-cuideachaidh agus 's ann as an dearbh pharaiste a chrìochnaich e na làithean mu dheireadh dha bheatha. A bharrachd air paraiste Dhalabroig bha e cuideachd na shagart ann an sgìrean eile leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus an t-Òban.

Bha an Canan Iain Aonghas daingeann na chreideamh. Bha e airson daoine a thàladh air ais dha na h-eaglaisean agus rinn e obair mhòr ann a bhith dèanamh sin. Bha urram aig daoine dha, sean is òg, agus bha sin gu math follaiseach bhon àireamh dhaoine a thàinig chun na seirbheisean a chaidh a chumail ann an Glaschu, san Òban agus an Uibhist nuair a bhàsaich e gu h-obann ann an 2006.

Bha ùidh mhòr aig a' Chànan anns a' Ghàidhlig agus ann an cultar agus dualchas na sgìrean is e an còmhnaidh deònach pàirt a ghabhail agus taic a thoirt do phròiseactan, seirbheisean agus prògraman Gàidhlig. Bha ùidh aige as a' choimhearsnachd a bha e a' frithealadh, agus e an còmhnaidh a' toirt taic agus a' feuchainn ris a' chànan agus an cultar a ghleidheadh. Chruinnich e na h-ùrnaighean anns a' Ghàidhlig agus tha iad a-nis rim faighinn air làrach-lìn na sgìr-easbaig mar chuimhneachan air. Bidh cuimhne aig daoine air airson an strì agus an taic a thug e dhan choimhearsnachd aige fhèin nuair a bhathar a' feuchainn ri seirbheisean a ghleidheadh ann an Ospadal Dhalabroig agus foghlam aig àrd-ìre a ghleidheadh san àrd-sgoil anns a' sgìre.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 25 Sep 2016 21:00