Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid 1995

Air an t-seachdain seo cluinnidh sibh an darna seirbheis a chaidh a chlàradh còmhla ris an Urr Iain MacLeòid nach maireann bho Eaglais na h-Alba ann an 1992.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann a Steòrnabhagh.

Salm 45: 10-11 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Leughadh: Galàtianaich 3: 1-11
Ceann-teagaisg: Galàtianaich 3: 11

Air 14 Faoilleach 1918, rugadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an Àrnol air taobh siar Leòdhais. Chaill e athair, 's gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm air madainn Latha na Bliadhn' Ùire, 1919.

Cheumnaich e an toiseach à Oilthigh Ghlaschu. Fhuair e BD ann am Montreal agus BEd ann an Alberta, an Canada. Bha Teisteanas ann am Foghlam Chuspairean Spioradail aige bho Cholaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu. Eadar 1940 agus 1943, bha e anns a' Chabhlach Rìoghail air HMS Ganges agus HMS Eglinton agus, an dèidh dha cead searmonachaidh fhaighinn bho Chlèir Ghlaschu ann an 1945, chaidh e air ais don Chabhlach Rìoghail mar mhinisteir.

Phòs e Dolena NicChoinnich à Steòrnabhagh ann an 1948, agus san aon bhliadhna chaidh e a Chanada, far na fhritheil e dà choitheanal, Southampton, Ontario agus Calgary ann an Alberta. Thàinig e a Dhùn Èideann ann an 1961 far an d' fhuair e gairm bho choitheanal Naomh Pòl ann an Newington. Ann an 1967, ghluais e gu Eaglais na Cille Mòire agus Seann Sgìre an Òbain far an robh e gus na leig e dheth uallach coitheanail ann an 1984.

A bharrachd air a bhith na shearmonaiche air leth comasach, bha Iain na dheagh chraoladair a bha ri chluinntinn tric air Dèanamaid Adhradh agus air Smuain na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal.

Bha Iain MacLeòid cuideachd na bhàrd tàlantach agus na eadar-theangaiche sgileil. Choisinn e prìomh dhuaisean airson òrain ùra ann an Alba agus aig an Fhèis Phan-Cheilteach an Èirinn agus tha an dà òran, Nam Aonar le mo Smuaintean agus Thoir Dhomh do Làmh, rin cluinntinn tric. Tha daoine cuideachd measail air laoidhean a dh'eadar-theangaich e, leithid O, Mìorbhail Gràis agus 'S ann air Cnoc Fada Thall.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 21 Jan 2018 21:00

An t-Urr Iain MacLeòid

An t-Urr Iain MacLeòid