14/05/2012

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.

Release date:

5 minutes

Last on

Mon 14 May 2012 19:00

An Litir Bheag 366

Seo ainm-àite inntinneach à Muile – Maol Tobar Leac an t-Sagairt. The bare hill of the well of the flagstone, or gravestone, of the priest. Maol Tobar Leac an t-Sagairt. Tha e ann am meadhan ceann a deas an eilein. Tha e faisg air an rathad eadar Creag an Iubhair agus Fionnphort.

        Feumaidh gu bheil tobar faisg air làimh. Agus, nuair a tha thu ga ghoogladh air an eadar-lìon, tha gu dearbh fear ann – Tobar Leac an t-Sagairt. Ach cò an sagart a bha ann? Agus carson a chaidh an tobar ainmeachadh air a shon?

            Bha Tòmas Garnett anns an sgìre sin anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, naochad ’s a h-ochd (1798). Fhuair esan an stòiridh. Sgrìobh e mu dheidhinn anns an leabhar aige Observations on a Tour Through the Highlands ...

            Tha an stòiridh a’ dol air ais do linn Chaluim Chille. Bha an naomh a’ fuireach ann an Eilean Ì. Chaochail sagart ann an Torasaigh. Tha sin ann an taobh sear Mhuile. Bha cothrom ann do dhuine eile a bheathachadh fhaighinn. Bha gu leòr de shagartan còmhla ri Calum Cille ann an Eilean Ì. Dh’iarr dithis aca air Calum Cille am beathachadh fhaighinn ann an Torasaigh.

            Thuirt Calum Cille riutha, “Am fear a ruigeas Torasaigh an toiseach, ’s e a gheibh a bheathachadh.” Ach ’s e an oidhche a bha ann. Chuir Calum Cille stad air an dithis bho bhith a’ tòiseachadh gus an robh solas an latha ann.

            An ath mhadainn, dh’fhalbh fear dhiubh gu math tràth. Lorg an sagart eile a’ chiad fhear. Ach cha robh e beò. Bha e marbh ri taobh an tobair.

            Dè thug bàs dha? Bha cuid dhen bheachd gun do dh’òl e cus uisge aig an tobar. Bha cuid eile dhen bheachd gun do mhuirt an sagart eile e. Co-dhiù, chaidh an tobar ainmeachadh “Tobar Leac an t-Sagairt”. Agus tha an t-ainm sin air fhathast.

            Agus seo seanfhacal Gàidhlig a chuala Tòmas Garnett ann am Muile: Is mairg a loisgeadh a thiompan ris. Pity the man who’d burn his harp for him. Bheir mi sùil air an t-seanfhacal sin anns an ath Litir.

The Little Letter 366

Here is an interesting place-name from Mull – Maol Tobar Leac an t-Sagairt. The bare hill of the well of the flagstone, or gravestone, of the priest. Maol Tobar Leac an t-Sagairt. It’s in the middle of the south of the island. It’s close to the road between Craignure and Fionnphort.

        There must be a well nearby. And, when you google it on the internet, there is indeed one there – Tobar Leac an t-Sagairt. But who was the priest? And why was the well named for him?

        Thomas Garnett was in that area in the year 1798. He got the story. He wrote about it in his book Observations on a Tour Through the Highlands ...

        The story goes back to the time of St Columba. The saint was living on Iona. A priest died at Torosay. That was in the east of Mull. There was an opportunity for another man to gain his benefice. There were many priests with Columba on Iona. Two of them asked Columba if they could get their benefice in Torosay.

        Columba said to them, “The first man to reach Torosay will get his benefice.” But it was night-time. Columba stopped the two men from starting until there was daylight.

        The next morning, one of them left very early. The other priest found the first one. But he wasn’t alive. He was dead beside the well.

        What caused his death? Some were of the opinion that he drank too much water at the well. Others thought that the other priest murdered him. Anyway, the well was named “Tobar Leac an t-Sagairt”. And it’s still called that.

        And here’s a Gaelic proverb that Thomas Garnett heard in Mull. Is mairg a loisgeadh a thiompan ris. Pity the man who’d burn his harp for him. I’ll have a look at that proverb in the next Litir.

An Litir Bheag air LearnGaelic

LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast: An Litir Bheag

Ruairidh

The Little Letter for Gaelic Learners

All the letters

An Litir Bheag 122

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.