Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 659: Am Brisgean Pàirt 1

Tha sinn a’ tighinn a-steach gu ràith an acrais. Uill, chan eil sin fìor don chuid mhòir againn an-diugh. Faodaidh sinne a dhol don bhùth agus biadh sam bith a cheannach. Ma tha airgead gu leòr againn. Ach bha e fìor uaireigin. An t-Earrach – ràith a bha a’ gealltainn gu leòr. Ach àm nuair a bhiodh an stòras de bhiadh a’ fàs beag, agus greis fhathast ri feitheamh mus tigeadh àm na buana.

            Dè am biadh a chumadh daoine a dol as t-Earrach anns na seann làithean, ma-thà? Uill, nam biodh iad faisg air na cladaichean, am maorach. Tha seanfhacal ann “As t-Earrach, nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar”. Canaidh mi a-rithist e – As t-Earrach, nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar. Ma tha an t-acras oirbh, faodaidh sibh falbh a bhuain maorach. Dè b’ fheàrr leibh? Feusgain? Bàirnich? Coilleagan ’s dòcha? No muirsgianan?

            Ge bith dè an seòrsa as fheàrr leibh, cha dèan sibh an gnothach ma bhios an làn ann. Feumaidh tràigh a bhith ann. Mar a tha seanfhacal eile ag innse dhuinn, buain maorach nuair a tha an tràigh ann. Chan eil sin a’ buntainn a-mhàin ri gnothaichean a’ chladaich, ge-tà. Tha e co-ionann ris a’ Bheurla, make hay while the sun shines. Buain maorach nuair a tha an tràigh ann.

            Co-dhiù, gu leòr dhen mhaorach. Tha mi airson sùil a thoirt air lus, seach maorach, an t-seachdain seo. Dè an lus a bhiodh daoine ag ithe an t-seann aimsir an àm seo dhen bhliadhna nuair a bha biadh gann? Tha mi a’ ciallachadh lus a tha dùthchasach do dh’Alba. Agus tha mi a’ smaoineachadh gu sònraichte air coimhearsnachdan a bha a’ fuireach faisg air a’ chladach, gu sònraichte air an taobh an iar.

            Tha an lus beag is rudeigin ìosal, agus tha duilleagan airgid air, le flùraichean brèagha buidhe as t-samhradh. Tha e gu math pailt air a’ mhachair agus àiteachan eile far a bheil gainmheach gu leòr ann. A bheil e agaibh fhathast?!

            ’S e an t-ainm saidheansail a th’ air Potentilla anserina. Ann am Beurla – silverweed. Agus ann an Gàidhlig brisgean. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon phairt dhen lus a bu chudromaiche a bh’ ann do na seann Ghàidheil – am freumh. Tha am freumh brisg.

            Agus carson a bha na freumhan feumail? Bha, a chionn ’s gum b’ urrainnear an ithe. Bha mi a’ leughadh pìos bho agallamh, ann am Beurla, leis a’ bhana-Ghàidheal, Mòr NicLeòid, Mòr Bhrù, nach maireann, à Leòdhas. Agus seo na thuirt ise: “Bhiodh iad a’ cleachdadh an fhreumh’ a bha seo a bha, can, sia òirlich a dh’fhaid, agus bhiodh iad ga bhuain le ràcan no spaid, ga ghlanadh agus ga ròstadh air teine fosgailte. Bhiomaid ga dhèanamh nuair a bha sinn nar cloinn. Chan e gun robh an t-acras oirnn ach bhiomaid ga dhèanamh agus chòrdadh e rinn. Tha blas math cnòthach air. Cha chreid mi gun robh sinn a’ cleachdadh an duillich airson dad, ach biathadh a’ chruidh. Bhiomaid ga thiormachadh airson feur a’ gheamhraidh agus bhiodh [an crodh] a’ dol seachad air feòir eile airson faighinn dhan bhrisgean.”

            Sin am brisgean. Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain. Anns an eadar-àm, ma tha an t-acras oirbh, mholainn maorach no, ma tha an làn ann – teòclaid!

Faclan na Litreach

An t-Earrach: Spring (season); a’ gealltainn: promising; feusgain: mussels; bàirnich: limpets: coilleagan: cockles; muirsgianan: razor shells, spoutfish; gann: scarce; dùthchasach: native; brisgean: silverweed; nach maireann: deceased; teòclaid: chocolate.

Abairtean na Litreach

ràith an acrais: the season of hunger; faodaidh sinne dhol don bhùth: we can go to the shop; bha e fìor uaireigin: it was true at one time; an stòras de bhiadh: the store of food; greis ri feitheamh mus tigeadh àm na buana: some time to wait before the harvest; cha dèan thu an gnothach ma bhios an làn ann: you won’t manage it if the tide is in; gu sònraichte: particularly; tha duilleagan airgid air, le flùraichean brèagha buidhe as t-samhradh: it has silver leaves, and beautiful yellow flowers in summer; tha am freumh brisg: the root is brittle; a chionn ’s gum b’ urrainnear an ithe: because they could be eaten; pìos bho agallamh: part of an interview; sia òirlich a dh’fhaid: six inches long; bhiodh iad ga bhuain le ràcan no spaid: they would harvest it with a rake or spade; ga ròstadh air teine fosgailte: roasting it on an open fire; blas cnòthach: a nutty taste; cha chreid mi gun robh sinn a’ cleachdadh an duillich airson dad: I don’t think we used the foliage for anything; ach biathadh a’ chruidh: except for feeding the cattle; ga thiormachadh airson feur a’ gheamhraidh: drying it for winter hay; seachad air feòir eile airson faighinn dhan bhrisgean: past other hay to get to the silverweed.

Puing-chànain na Litreach

Maorach means shellfish in general and like iasg can be used as a collective, while being grammatically singular. Tha maorach air an tràigh – there are shellfish on the beach. There is a bay called Camas a’ Mhaoraich at the mouth of Loch Broom, seen by passengers plying the Minch on the Isle of Lewis, that demonstrates the singular usage; it was presumably a place where fishermen gathered bait and the populace gathered shellfish for food. There are also places on the west coast called Tràigh a’ Mhaoraich or Port a’ Mhaoraich. The plural form maoraich can be used but is likely to refer to more than one species of shellfish.

Seanfhaclan na Litreach

As t-Earrach, nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar: in Spring, when the sheep is thin, the shellfish are fat. buain maorach nuair a tha an tràigh ann: harvest shellfish when the tide is out (an equivalent to ‘make hay while the sun shines’). You will also hear the verb dèan used eg rinn e maorach (he gathered shellfish).

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast