Sorry, this episode is not currently available

Ag iomradh 's a' tarraing (Coastal Rowing)

B' e toiseach linn ùr a bh'ann dha-rìribh ann am bailtean beaga costa na h-Alba nuair a nochd einnseanan beaga air bàtaichean. Cha robh bàtaichean traidiseanta fiodha a-nise riatanach mar a bha iad air a bhith, agus chrìon an cleachdadh agus leis an sin iomradh.

Ach dà bhliadhna air ais dh' atharraich a h-uile càil a tha sin le Pròiseact Iomraidh Costa na h-Alba, agus bàta sònraichte ùr 'kit' - an St Ayles Skiff . Bhon uairsin tha barrachd air 40 choimhearsnachd bho air feadh na dùthcha air a thighinn còmhla gus am bàta aca fhèin a thogail, agus an iomradh ann an aon den iomadach rèis shoithichean a th' air nochdadh mar phàirt den ghluasad.

Bheir sinn sùil air an ath-bheothachadh iongantach seo 's sinn a' siubhail fad is farsaing tro Alba, agus leanaidh sinn aon de na buidhnean as ùire à Steòrnabhagh ann an Leòdhas nan turas gus bàta a thogail agus a chur air bhog.

The arrival of the outboard engine brought a new way of life to coastal towns throughout Scotland. Traditional wooden boats were no longer necessary and as their use declined, so too did rowing.

That is until a couple of years ago, when the Scottish Coastal Rowing Project began with the arrival of a new kit boat called the St Ayles Skiff. Over forty different community groups have come together across Scotland to build their own skiff and then take part in one of the many regattas that have sprung up in their wake.

We take a look at the resurgence in coastal rowing throughout Scotland and follow one of the latest groups to get involved in Stornoway on the Isle of Lewis, on their journey to join the ranks.

Release date:

1 hour

Last on

Tue 10 May 2016 22:00