Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 590: Uiseag bheag dhearg

O chionn trì bliadhna ann an Litir ceithir cheud is sia-deug (416) sgrìobh mi mu òran a bhiodh a’ chlann agam a’ seinn anns a’ bhun-sgoil. Tha an t-sèist a’ dol mar seo: Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, na mòna duibh, na mòna duibh; Uiseag bheag dhearg na mòna duibh, càite na chaidil thu raoir san “ì”? Bha mi a’ cur air adhart mo bheachd gur ann à Eilean Mhanainn a bha an t-òran o thùs, oir canaidh na Gàidheil Mhanainneach “oie” airson “oidhche”. Agus tha ushag ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn a’ ciallachadh “eun beag”, seach lark.

’S e tàladh a th’ anns an òran. Bidh pàrant ga ghabhail nuair a tha pàiste san leabaidh. Anns an òran, tha pàiste a’ còmhradh le uiseag. Tha an uiseag ag innse cà’ robh i a’ faighinn cadal. Fhuair i droch chadal air bhàrr nan dris agus air bhàrr nan tonn. Mu dheireadh fhuair i deagh chadal eadar dà dhuilleig. Agus ma tha e air obrachadh, bidh am pàiste na chadal ro dheireadh an òrain!

Co-dhiù, chuala mi an t-òran a-rithist o chionn ghoirid. Bha mi ag innse stòiridhean Gàidhlig mar phàirt dhen fhèill-chiùil “Blas” air a’ Ghàidhealtachd. Bha tè còmhla rium a bha a’ gabhail òrain eadar na stòiridhean – agus thagh i “Uiseag Bheag Dhearg” mar fhear dhiubh. Bha fear am measg an luchd-èisteachd aig a bheil ceangal do dh’Eilean Mhanainn. Agus dh’inns esan dhuinn às dèidh làimh gur e òran Manainneach a bh’ ann.

Bhon uair sin, fhuair mi dearbhadh air a’ ghnothach. Bha mi a’ leughadh leabhar mu dheidhinn Mona Douglas nach maireann, ban-Mhanainneach a bha ainmeil airson a bhith a’ brosnachadh cànan agus cultar Eilean Mhanainn. Anns an leabhar tha tar-sgrìobhadh de dh’agallamh a rinn i le George Broderick. Anns an agallamh, dh’ainmich i an t-òran le ainm Manainneach – Ushag Veg Ruy.

Thuirt i gun robh daoine a’ dìochuimhneachadh gum biodh òrain Mhanainneach a’ sgapadh am measg nan Gàidheal ann an Alba is Èirinn. Co-dhiù, chuir i Ushag Veg Ruy ann an clò anns na ficheadan no toiseach nan tritheadan anns an fhicheadamh linn. Fhuair tidsear ann an Alba – bha i a’ smaoineachadh gur ann à Tiriodh a bha e – grèim air an òran. Sgrìobh e gu Douglas, a’ faighneachd dhith am faodadh e a thionndadh gu Gàidhlig na h-Alba. Uaireigin às dèidh sin, sheinn sgoilear às an sgoil aige Uiseag Bheag Dhearg aig a’ Mhòd – mar òran Albannach – agus bhuannaich e duais!

Tha mi a’ smaoineachadh gun robh Mona Douglas toilichte gu leòr gun robhar ga sheinn ann an Alba. Ach bha aon rud a’ cur dragh oirre. Bha daoine ann an Alba dhen bheachd gur e òran Albannach a bh’ ann. Thuirt i, “They are claiming it now as a Scottish song, without saying where it came from, which I think is most unfair!”

Chan eil fhios agam cò e an tidsear a rinn an t-eadar-theangachadh. Ach tha e inntinneach gun do dh’fhàg e dreach Manainneach air an fhacal oie agus nach do dh’atharraich e sin gu oidhcheCàite na chaidil thu raoir san oidhch’. An robh e a’ feuchainn le sin a bhith a’ cumail nar cuimhne gur e òran Manainneach, seach òran Albannach, a bh’ ann bho thùs? Chan eil fhios agam ach, gu dearbh, ’s e òran brèagha a th’ ann.

Faclan na Litreach

Eilean Mhanainn: Isle of Man; tàladh: lullaby; fèill-chiùil: musical festival; nach maireann: deceased; Tiriodh: Tiree. 

Abairtean na Litreach

òran a bhiodh a’ chlann agam a’ seinn anns a’ bhun-sgoil: a song that my children would sing at primary school; càite na chaidil thu raoir?: where did you sleep last night?; canaidh na Gàidheil Mhanainneach: the Manx Gaels say; bidh pàrant ga ghabhail nuair a tha pàiste san leabaidh: a parent sings it when a child’s in bed; air bhàrr nan dris: on top of the bramble bushes; deagh chadal eadar dà dhuilleig: a good sleep between two leaves; ma tha e air obrachadh: if it has worked; bidh am pàiste na chadal ro dheireadh an òrain: the child will be asleep before the end of the song; bha fear am measg an luchd-èisteachd aig a bheil ceangal do: there was a man among the audience who has link(s) to; dh’inns esan dhuinn às dèidh làimh: he told us afterwards; bhon uair sin, fhuair mi dearbhadh air a’ ghnothach: since then, I [have] obtained proof of the matter; tar-sgrìobhadh de dh’agallamh: a transcription of an interview; gun robh daoine a’ dìochuimhneachadh: that people would be forgetting; gum biodh òrain Mhanainneach a’ sgapadh am measg nan Gàidheal: that Manx songs would be spreading amongst the Gaels; chuir i X ann an clò: she put X in print; fhuair tidsear grèim air an òran: a teacher got hold of the song; bhuannaich e duais: he won a prize; bha aon rud a’ cur dragh oirre: one thing annoyed her; an robh e a’ feuchainn le sin a bhith a’ cumail nar cuimhne: was he trying in that way to make us remember; gur e òran Manainneach, seach òran Albannach, a bh’ ann bho thùs: that it was originally a Manx song, rather than a Scottish song.

Puing-chànain na Litreach

toilichte gu leòr gun robhar ga sheinn ann an Alba: pleased enough that it was being sung in Scotland. Gun robhar is the dependent form of bhathar, just as gun robh is the dependent form of bha. The -ar ending (it’s -as in some dialects) tells us this is effectively a passive construction – it’s the impersonal form of the verb “to be” (in which we don’t name the person or persons engaged in the activity being discussed). Bhathar ga sheinn means “it was being sung”. We can change the tense easily; for example thathar ga sheinn (it is being sung), gu bheilear ga sheinn (that it is being sung); bithear ga sheinn (it will be sung); gum bithear ga sheinn (that it will be sung).

Gnathas-cainnt na Litreach

air bhàrr nan tonn: on the top of the waves (the lenition of bàrr follows an old grammatical model).

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast