Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 540: An t-Eilean Tarsainn

Seo ceist dhuibh agus chì sinn dè cho eòlach ’s a tha sibh air eileanan na h-Alba. Bidh fios agaibh gu bheil frith-ainmean, no far-ainmean, air na h-eileanan. Mar eisimpleir, canaidh sinn Eilean a’ Cheò airson an Eilein Sgitheanaich. Canaidh sinn Eilean an Fhraoich airson Eilein Leòdhais. Ach tha mi a’ dol a thoirt dhuibh ainmean trì eileanan.Chì sibh ma tha sibh eòlach orra.
’S e An t-Eilean Tarsainn ainm a’ chiad eilein. The cross-wise island. An t-Eilean Tarsainn. ’S e ainm an dàrna eilein Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich. The kingdom of the wild forest. Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich. Abair ainm! Agus ’s e ainm an treasfir Eilean nam Ban Mòra. The island of the big women. Eilean nam Ban Mòra. Tha amharas agam gum bi gu leòr a tha ag èisteachd eòlach air an treas fear. Ach ’s dòcha nach bi iad eòlach air na dhà eile.

Mura h-eil sibh cinnteach dè na h-eileanan air a bheil mi a-mach, innsidh mi dhuibh gu bheil iad faisg air a chèile. ’S iad trì de na h-Eileanan Beaga – Canaigh, Rùm agus Eige.
Chaidh a dhà de na h-ainmean seo a chlàradh le Màrtainn MacIlleMhàrtainn trì cheud bliadhna air ais. Sgrìobh e gur e Tarsainn a chanadh na daoine airson Chanaigh, agus gur e Eilean nam Ban Mòra a chanadh iad airson Eige. Ceud bliadhna às dèidh sin, anns a’ Chunntas Staitistigeil, chaidh an t-ainm airson Eilein Rùim – Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich – a chur ris an liosta. Agus bha An t-Eilean Tarsainn ann airson Chanaigh, seach dìreach Tarsainn. Ach carson a chleachdadh na daoine ainmean annasach mar sin?

Uill, ’s e ainmean-mara a bh’ annta. ’S e sin ainmean a bhiodh iasgairean no maraichean a’ cleachdadh nuair a bha iad aig muir. Bha na daoine sin saobh-chràbhach. Cha bhiodh iad deònach na h-ainmean ceart a chleachdadh oir dh’fhaodadhsin droch fhortan adhbharachadh don bhàta agus a criutha.

Mhair gnothaichean dhen t-seòrsa sin am measg iasgairean na Gàidhealtachd fad ùine mhòr. Mun àm a rugadh mise, bhiodh cuid de dh’iasgairean Gàidhealach fhathast ain-deònach dhol gu muir nam faiceadh iad boireannach no cat air an rathad chun an eathair.

Bha iad saobh-chràbhach a thaobh aodach cuideachd. Cha chuireadh iad aodach sam bith orra a bh’ air a dhathadh le crotal. Bha iad dhen bheachd gum biodh an crotalair a tharraing a dh’ionnsaigh nan creagan far an robh e uaireigin a’ fàs. Agus bha an aon rud fìor mu ainmean-àite. Bidh sibh a’ mothachadh nach dodh’ainmich mi an ceathramh fear de na h-Eileanan Beaga – Eilean nam Muc. Uill, bha ainm-mara aig muinntir nan Eilean Beaga airson Eilean nam Muc cuideachd. B’ e sin Tìr Chràine. Tha sin a’ ciallachadh land of the sow. Tìr Chràine.

Carson a thagh iad ainmean mar sin? Uill, tha Tìr Chràine follaiseach gu leòr airson Eilean nam Muc. Tha Canaigh na laighe tarsainn na slighe-mara eadar an Cuan Barrach agus an Cuan Sgìth. Agus bha Rùm math airson sealg nam fiadh. Chan eil forraiste ann an Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich a’ ciallachadh coille le craobhan. Thae a’ ciallachadh frìth – monadh a tha math airson sealg. Agus carson a bha Eilean nam Ban Mòra aca mar ainm air Eige? Uill, tha stòiridh agam mu dheidhinn sin ach, airson a chluinntinn, feumaidh sibh a bhith san èisteachd an ath-sheachdain!

Faclan na Litreach

frith-ainmean, far-ainmean: nicknames; Canaigh: Canna; Rùm: Rum; Eige: Eigg; Màrtainn MacIlleMhàrtainn: Martin Martin; ainm-mara: sea-kenning (name used at sea); maraichean: mariners; bradan: salmon.

Abairtean na Litreach

chì sinn dè cho eòlach ’s a tha sibh air: we’ll see how familiaryou are with; abair ainm!: what a name!; gum bi gu leòr a tha ag èisteachd eòlach air antreas fear: that many who are listening will know the third one; dè na h-eileanan air abheil mi a-mach: which islands I’m talking about; faisg air a chèile: close to each other;anns a’ Chunntas Staitistigeil: in the [first] Statistical Account; carson a chleachdadh nadaoine ainmean annasach?: why would the people use strange names?; dh’fhaodadh sin droch fhortan adhbharachadh don bhàta agus a criutha: that could cause bad luck for the boat and its crew; mhair gnothaichean dhen t-seòrsa sin: things like that lasted for a long time; ain-deònach dhol gu muir: unwilling to go to sea; nam faiceadh iad boireannach no cat air an rathad chun an eathair: if they saw [would see] a woman or a cat on the way to the boat; air a tharraing a dh’ionnsaigh nan creagan far an robh e uaireigin a’ fàs: pulled towards the rocks where it once grew; nach do dh’ainmich mi an ceathramh fear: that I didn’t name [haven’t named] the fourth one; tarsainn na slighe-mara eadar an Cuan Barrach agus an Cuan Sgìth: [lying] across the sea-lane between the Sea of Barra and the Minch; feumaidh sibh a bhith san èisteachd: you’ll have to be in the listeningaudience.

Puing-chànain na Litreach

Bha na daoine sin saobh-chràbhach: those people were superstitious. Are you familiar with the prefix saobh-? It means “false, erroneous”. So saobh-chreideamh is a “false religion” ie superstition or heresy. A saobh-chreidmheach is a superstitious person or a heretic. And saobh-chràbhach is “falsely religious” ie superstitious or heretical (the context will usually make it clear which is meant). Saobh can also be used in other contexts eg saobh-chiall (stupidity, nonsense), saobh-chainnt (foolish talk, prattle), saobh-shruth (eddy or contrary current in a river).

Gnathas-cainnt na Litreach

a bh’ air a dhathadh le crotal: that was dyed/coloured with crottle (lichen that grows on the rocks).

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast