Main content

Sreath de litrichean Gàidhlig a bheir taic do luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain.
Series of letters for Gaelic learners with Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 477: Eilean Chanaigh

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu dhroch rud a thachair dhomh nuair a bha mi a’ seòladh ann an gheat o chionn beagan seachdainean. Bidh sibh toilichte a chluinntinn nach can mi an còrr mu chur na mara an t-seachdain seo!

Bu mhath leam, ge-tà, innse dhuibh mu rudeigin math a thachair dhomh air an dearbh thuras mara. Bha sinn ann an Canaigh airson na h-oidhche. ’S e eilean brèagha a th’ ann agus bha e math dhomh a dhol air ais. Bha mi ann dìreach aon turas roimhe – anns na h-ochdadan. Fhuair mi a-mach gu bheil Gàidhlig fhathast beò anns an eilean oir bha mi a’ bruidhinn ri fear de na h-eileanaich anns a’ chànan againn.

Thathar ag obair air stòras iongantach Fear Chanaigh anns an Taigh Mhòr – ga chur an òrdugh. ’S e cruinneachadh air leth a th’ ann, mòran dheth co-cheangailte ri dualchas nan Gàidheal. Anns an ùine romhainn bidh mòran a’ tadhal air Canaigh airson rannsachadh a dhèanamh.

Sheòl sinn a-mach à Eilean Chanaigh mu mheadhan-latha oir bha sinn a’ dol a dhèanamh air eilean beag iongantach – Òigh-sgeir. Tha Òigh-sgeir na laighe anns a’ chuan gu siar air Rùm, is beagan mhìltean an iar-dheas air Canaigh. Tha taigh-solais mòr oirre.

Nise, bu chòir dhomh dèanamh soilleir an-dràsta nach eil mi a’ bruidhinn mu Heisgeir gu siar air Uibhist. Tha an dà ainm uabhasach coltach ri chèile. Tha cuid a’ cumail a-mach gu bheil Òigh-sgeir, faisg air Canaigh, a’ ciallachadh “virgin rock”, ach tha mi a’ smaoineachadh nach e ainm Gàidhlig a bh’ ann bho thùs ach ainm Lochlannach.

Bha rud sònraichte fa-near dhuinn a-muigh aig Òigh-sgeir. Bha sinn an dòchas dà ghnè de bheathach fhaicinn – mucan-mara agus cearbain. Uill, cha b’ e sin an latha airson mucan-mara. An latha roimhe, chunnaic sinn tè mhiongaidh faisg air Canaigh. Ach eadar Canaigh is Òigh-sgeir cha robh sgeul air muc-mhara sam bith.

Ach bha sinn fortanach a thaobh cearbain. Nuair a dhlùthaich sinn ri taobh an ear an eilein chunnaic sinn dà ite a’ briseadh uachdar na mara. Dà ite mhòir dhuibh! Dà chearban! Airson greis mhath, choimhead sinn orra. Bha iad a’ snàmh timcheall lem beòil fosgailte, a’ criathradh biastagan beaga na mara. Abair gun robh iad mòr.

Chaidh m’ inntinn air ais don leabhar iongantach a sgrìobh Gavin Maxwell mu ghnìomhachas a thòisich e ann an Sòdhaigh às dèidh a’ Chogaidh – “Harpoon at a Venture”. Bha iad a’ glacadh nan cearban le mòr-ghathan no harpoons. Bha e furasta gu leòr an cur anns na h-èisg oir cha bhi iad a’ snàmh air falbh. Ach cha robh e cho furasta an uair sin na h-èisg a chur fo smachd is an toirt gu tìr. Tha iad mòr is làidir. Gu pearsanta, tha mi toilichte nach eilear a’ sealg nan cearban tuilleadh. Tha iad airidh air dìon.

Chaidh sinn a-null don chaolas eadar Òigh-sgeir, far a bheil an taigh-solais, agus an Garbh-sgeir ri a taobh. Tha an dà eilean iongantach oir tha iad air an dèanamh de cholbhan de bhasalt, ach mòran nas caoile nan fheadhainn ann an Stafa. Chaidh dithis de chriutha a’ gheat air bhog sa chaolas ann am bàta beag rubair. Cha b’ fhada gus an robh iad am measg còmhlan eile de chearbain, agus gach iasg nas motha nam bàta. An do ghabh iad eagal? Ghabh! Tha e math gu bheil na cearbain cho socair, sèimh!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: gheat: yacht; Canaigh: Canna; na h-ochdadan: the eighties; taigh-solais: lighthouse; Sòdhaigh: Soay (near Skye); caolas: narrow sea passage; socair, sèimh: placid and peaceful.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: mu dhroch rud a thachair dhomh: about a bad thing that happened to me; nach can mi an còrr mu chur na mara: that I won’t say any more about seasickness; an dearbh thuras mara: the same maritime journey; stòras iongantach Fear Chanaigh: the amazing collection of the [late] Laird of Canna (John Lorne Campbell); anns an ùine romhainn bidh mòran a’ tadhal air: in the future many people will visit; na laighe anns a’ chuan gu siar air Rùm: lies in the sea west of Rum; an iar-dheas air Canaigh: south-west of Canna; bu chòir dhomh dèanamh soilleir: I should make clear; gu siar air Uibhist: west of Uist; bha rud sònraichte fa-near dhuinn: we had a special thing planned; mucan-mara agus cearbain: whales and basking sharks; tè mhiongaidh: a minke [whale]; nuair a dhlùthaich sinn ri taobh an ear an eilein: when we drew close to the east side of the island; dà ite a’ briseadh uachdar na mara: two fins breaking the surface of the sea; lem beòil fosgailte, a’ criathradh biastagan beaga na mara: with their mouths open, sieving the small creatures of the sea; na h-èisg a chur fo smachd is an toirt gu tìr: to control the fish and take them to land; nach eilear a’ sealg nan cearban tuilleadh: that [the] basking sharks are no longer hunted; airidh air dìon: worthy of protection; mòran nas caoile nan fheadhainn ann an Stafa: much more slender than the ones on Staffa; dithis de chriutha a’ gheat: two of the yacht’s crew.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: dà ite mhòir dhuibh: two big black fins. Because ite is feminine, following dà (which puts it in the dual case, equivalent to the dative singular) any noun is traditionally slenderised (although ite itself cannot be slenderised as it is already slender). The qualifying adjectives obey the rule, whether or not the noun is able to – thus we slenderise mhòr and dhubh. But many people today would say dà ite mhòr dhubh, ignoring the historical slenderisation.

Gnathas-cainnt na Litreach

Gnathas-cainnt na Litreach: air bhog: afloat.

Broadcast

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast