Highlands & Islands

Samhradh trang aig Port-adhair Inbhir Nis

Port-adhair Inbhir Nis Image copyright HIAL
Image caption Chaidh còrr air 93,000 luchd-siubhail tro Phort-adhair Inbhir Nis anns an Iuchar.

Tha Port-adhair Inbhir Nis a-measg an fheadhainn as motha a tha a' fàs ann an Alba.

Sheall figearan a dh'fhoillsich Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean Diluain gun do dh'èirich àireamhan luchd-siubhail airson seachd mìosan deug sreath a chèile.

Chaidh cha mhòr 478,000 duine tro phuirt-adhair na companaidh eadar an Giblean agus an Òg-mhìos am bliadhna.

Chaidh còrr air 93,000 duine tro Phort-adhair Inbhir Nis anns an Iuchar a-mhàin - a' mhìos a bu thrainge a-riamh.

Àrdachaidhean

Tha dùil gun do chuir na seirbheisean aca gu Schipol ann an Amsterdam agus gu Baile Àtha Cliath gu mòr ris an àireamh sin agus àrdachadh mòr air tighinn air na tha de dhaoine gan cleachdadh.

Sheall figearan na companaidh airson a' chairteil mu dheireadh gun tàinig àrdachadh air àireamh an luchd-siubhail aig na puirt-adhair aca air fad ach a-mhàin Inbhir Ùige agus Dùn Dè.

Tha Rùnaire na Còmhdhail, Humza Yousaf, a-measg na chuir fàilte air na figearan 's e ag ràdh gu bheil na seirbheisean ùra gu ruige Amsterdam agus Lunnainn air togail mòr a thoirt do thurasachd agus air feum a dhèanamh do ghnìomhachasan a tha an crochadh air ceanglaichean math còmhdhail ris a' chòrr den dùthaich.

Related Internet links

The BBC is not responsible for the content of external Internet sites