Highlands & Islands

Dàil air leabhraichean-cròm

Nighean le coimpiutair-làimhe Image copyright Thinkstock
Image caption Bha còir gum biodh leabhar-chrome aig a h-uile sgoilear as t-Samhradh 2017.

Cha bhi leabhraichean-cròm anns a h-uile sgoil air a' Ghàidhealtachd as t-Samhradh mar a bha sgoilearan, luchd-teagaisg agus pàrantan a' sùileachadh.

Mar phàirt de chùmhnant coimpiutaireachd luach £50m, bha còir gum faigheadh a h-uile sgoilear ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd coimpiutair-làimhe dhaibh fèin ris an canar leabhar-cròm.

Chuala comataidh stòrais na Comhairle gur e pròiseact dà bhliadhna a bhios ann a-nis agus gun tèid sgeama pìleat a chur air bhonn ann an aon sgoil an toiseach, feuch an obraich a' phròiseict.

Tha e air a bhith na mhiann aig Comhairle na Gàidhealtachd coimpiutair pearsanta a thoirt dhan a h-uile sgoilear, airson an cuideachadh le obair sgoile, bho thoiseach 2015.

Tha comhairlichean ag ràdh gur e briseadh dùil a th' anns an dàil seo, mar a mhìnich iar-àrd-oifigear an ùghdarrais ionadail, Alasdair MacFhionghain.

"Tha bùrach ann, agus aig a' cheann thall chaidh gealltanas a thoirt nach eil ceart," thuirt e.

"Thàinig cùnnradair ùr a-steach airson cùmhnant ICT Comhairle na Gàidhealtachd agus tha sin air dàil a chur air a' phròiseict."

"Aig a' cheann thall, feumaidh na sgoiltean a bhith freagarrach airson na leabhraichean-cròm a bhith aca, agus an-dràsta chan eil. 'S e obair mhòr a th' ann anns a' Ghàidhealtachd fhèin agus feumaidh sinn fhaighinn ceart."