Highlands & Islands

Obair-leasachaidh tron oidhche ga stad air an A82

Tomnahurich Bridge, Inverness Image copyright Peter Bond/Geograph

Chur Comhairle na Gàidhealtachd stad air obair-leasachaidh tron oidhche às dèidh dha obair-leasachaidh aig Drochaid Thomh na h-Iùbhraich maireachdainn uairean nas fhaide na bha dùil.

Bha an A82 aig an drochaid ann an Inbhir Nis dùinte tron oidhche, oidhche luain 's bha còir aice fosgladh aig 07:00m Dimàirt, ach bha trioblaidean teicnigeach aca 's b' fheudar dhaibh an drochaid a chumail dùinte gu às dèidh 10:00m.

Dh'fhàg seo na mìlltean dhràibhearan uairean de thìde air dheireadh le sreath de chàraichean air Rathad General Booth, seachad air Àrd-Sgoil Bhaile Theàrlaich agus sìos gu Rathad an Rìgh Brùid.

Bha còir aca an rathad a' dhùnadh son an dàrna oidhche as deidh a' chèile, ach leis am buaireadh diluain, cho-duinn iad stad a chur air cùisean son oidhche mhàirt.

Sgoilearan air dheireadh

Bha Àrd-Sgoil Bhaile Theàrlaich air dheireadh ann a bhith a' fosgladh an dorsan leis nach fhaigheadh luchd-teagaisg no sgoilearan ann.

'S e pàirt den obair a tha luach £55m, air Ceangal-Rathad ùr an Iar Inbhir Nis a bha a' dol tron oidhche agus iad a' cur cearcail-rathaid ùir ann.

Bha cuid de luchd-siubhail a' gearain nach tug a' Chomhairle fios seachad gun robh leithid de dh'obair a' dol.

Thuirt a' Chomhairle gun tèid rannsachadh a dhèanamh air a' chùis agus gun dèan iad ath-sgrùdadh air obair sam bith eile a tha iad a' cur air adhart tron oidhche.