Highlands & Islands

Iomairt an Transocean Winner

Semi-submersible ship Hawk Image copyright OHT
Image caption Tha dùil ris an t-soitheach a thogas an Transocean Winner ann an Leòdhas Dimàirt

Tha dùil ris an t-soitheach a thogas an Transocean Winner ann an Leòdhas Dimàirt.

Bheir e grunn làithean an clàr-ola, a tha suidhichte an-dràsta anns an Loch a Tuath, a chuir air bòrd an t-soithich an OHT Hawk a bheir dhan Tùirc i far an tèid a toirt às a' chèile.

Chaidh an clàr air na creagan ann an Dail Mòr air an 8mh là dhen Lùnasdal.

Chaidh a slaodadh dhan Loch a Tuath air taobh sear an eilein far a bheil i a-nis aig acair.

Feumaidh luchd-saoraidh co-dhiù là gu leth de thìde an ìre mhath socair - le gaoth nas lugha na 15 mìle san uair - airson an clàr fhaighinn air bòrd.

Bheir e an uair sin trì là eile airson a ceangal ris an deic airson a toirt air falbh dhan Tuirc airson a briseadh.

More on this story