Highlands & Islands

Luchd-smàlaidh a' strì ri teine mòintich

Tha còrr is trì dusan luchd-smàlaidh air a bhith a' strì ri teine mòintich ann an Srath Spè bho fheasgair Diciadain.

Losg e trì cileamatair ceàrnagach de thalamh air Oighreachd Loch an Doirb.

Aig an àm a bu mhiosa, bha 37 luchd-smàlaidh agus 40 de luchd-obrach na h-oighreachd ag obair an aghaidh an teine.

Ged a tha uisge san sgìre air a bhith na chuideachadh, tha an luchd-smàlaidh fhathast a' cumail sùil air an t-suidheachadh.

Related Internet links

The BBC is not responsible for the content of external Internet sites