Naidheachdan 11:00
Media playback is unsupported on your device
Video

Naidheachdan 11:00m

Buaireadh mu Thaic-Airgid

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dol às àicheadh nach eil ann an taic-airgid do dh'fheadhainn de na sgìrean as miosa dheth ann am Breatann ach oidhirp air taic Bhall-Pàrlamaid a cheannach do dh'aonta Bhrexit a' Phrìomhaire. Chaidh luach £1bn de thaic-airgid ainmeachadh do sgìrean air feadh Bhreatainn, agus bidh cothrom aig coimhearsnachdan Albannach an dèidh sin air tagradh airson earrann de £600m eile. Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil an Riaghaltas a' ceannach taic Bhall-Pàrlamaid ann an sgìrean a bhòt airson falbh às an Aonadh Eòrpach.

Brexit

Tha aithrisean ann gun do sguir an t-Àrd-Neach-tagraidh, Geoffrey Cox, a dh'fheuchainn ri toirt air an Aonadh Eòrpach ceann-ùine a chur air a' chùl-stad, an earrann de dh'aonta Bhrexit Theresa May a tha ag amas air crìoch chruaidh a sheachnadh ann an Èirinn. Thuirt Sràid Downing gu bheil am Morair Cox fhathast a' sireadh atharrachaidh laghail san earrann sin den aonta.

Co-Chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Tha buaidh Bhrexit air a' chlàr-ghnothaich aig Co-Chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an Arcaibh an-diugh. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus air Riaghaltas na h-Alba earrann de dh'airgead sam bith a thig air ais a Bhreatainn an dèidh Bhrexit a thoirt dha na sgìrean iomallach mar na h-Eileanan.

Atharrachadh na Sìde

Tha comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gum feumar mòran a bharrachd a dhèanamh mu atharrachadh na sìde. Tha Comataidh na h-Àrainneachd ag iarraidh air an Riaghaltas targaid chinnteach a stèidheachadh airson smachd air gasaichean millteach, agus tha iad ag ràdh gum feumar Bile Atharrachdh na h-Aimsire a tha a' dol tro Holyrood a neartachadh.

Casaid Oidhirp air Murt

Tha duine fo chasaid gun do rinn e oidhirp air murt an dèidh ionnsaigh air a' chleasaiche Albannach, Tam Dean Burn, ann an Dùn Èideann oidhche Shathairne. Tha dùil ris an duine, a tha 42, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann an-diugh.

Pàigheadh luchd-teagaisg

Tha tuilleadh còmhraidh ann an-diugh air pàigheadh nan tidsearan agus baileat airson stailc a' sìor thighinn nas fhaisge. Tha an t-aonadh, an EIS, a tha am beachd tòiseachadh air baileat airson stailc seachdain bho an-diugh, ag ràdh gur e tairgse nas fheàrr an aon dòigh air sin a sheachnadh.

  • 04 Mar 2019