Stiùidio
Media playback is unsupported on your device
Video

Naidheachdan 11:00m

A' Chìs-Chomhairle

Tha am Priomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, air planaichean fhoillseachadh airson mar a dheadh a' chìs-chòmhairle a leasachadh leis an SNP, ma 's e 's gum buannaich iad an taghadh. Dheadh a' chìs àrdachadh anns na bainn taigheadais as daora - E gu H, rud a bheireadh a-steach £100m sa bhliadhna airson foghlam, thuirt i. Thigeadh an reòthadh air a' chìs-chomhairle gu ceann an ath-bhliadhna, agus bhiodh cead aig ùghdarrasan ionadail an uairsin cìsean atharrachadh suas ri 3%.

Na Stàitean Aonaichte

Tha Hilary Clinton agus Dòmhnall Trump air an àite a dhaingneachadh aig ceann na h-iomairt a bhith nan tagraichean airson taghadh a' chinn suidhe ann an Ameireaga. Bha aona stàit deug a' bhòtadh an-dè, an là as motha dhen iomairt air a bheil Super Tuesday. Bhuannaich Mgr Trump seachd stàitean dha na Poblachdaich, 's fhuair Hilary Clinton seachd dha na Deamocrataich, le Bernie Sanders a' faighinn a' chòrr dhiubh. Dha na poblachdaich, fhuair Ted Cruz trì stàitean, agus bhuannaich Marco Rubio tè airson a' chiad uair anns an iomairt.

Dùn Èideann

Cuiridh Comhairle Dhùn Èideann buidheann-gnìomha an sàs feuch ciamar a ghabhas foghlam Gàidhlig sa bhaile a thoirt air adhart. Chaidh moladh, a bhiodh air àiteachan aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig a dhiùltadh do chuid de sgoilearan Gàidhlig, a tharraing leotha an-dè às dèidh iomart. Gheall a' Chomhairle gum faigh a h-uile pàiste ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce àite ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig anns an ath bhliadhna-sgoile.

Taigh-tasgaidh

Chuir Comataidh Dealbhachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd taic ri plana connspaideach, taigh-tasgaidh Inbhir Nis a chomhdach ann am panalan meatailt coltach ri òr. Thuirt iad gun toireadh e piseach air coltas an togalaich air starran a' chaisteil. Bidh cruth mapa de dh' Inbhir Nis an lùib nam panalan a thèid a chur an sàs. Thèid solais LED a chleachdadh ann cuideachd, 's dùil gun cosg an sgeama £500,000.

An Crannchar Nàiseanta

Tha an Crannchar Nàiseanta air airgead a thoirt do thrì phròiseactan fa-leth air a' Ghàidhealtachd. Chaidh beagan 's £1m an urra gu companaidh coimhearsnachd an Ath Leathainn 's an t-Srath airson làrach campachaidh agus gu plana airson ionad turasachd ùr aig Eas Shìn ann an Càtaibh. Fhuair Home-Start Highland, ann an Inbhir Nis, airgead cuideachd airson teaghlaichean òga a chuideachadh.

Dyce

Chaidh triùir a chur an grèim an co-cheangal ri aithrisean gun deach feuchainn ri teine a chur ri stèisean polais ann an Obar Dheathain. Chaidh teine beag a smàladh ann an Dyce tràth madainn an-dè. Thogadh casaidean an aghaidh boireannach, 41, agus dithis fhireannach, 19 agus 23.

Drònaichean

Tha Aonadh nam Poidhleat air deuchainnean iarraidh air a' bhuaidh a dh' fhaodadh a bhith aig uidheamachd drone nam bualadh iad ann an itealain coimearsalta. Tha BALPA ag iarraidh air an Riaghaltas an rannsachadh a mhaoineachadh. Thuirt eòlaiche sàbhailteachd leis a' bhuidhinn, Steve Landells, gum faodadh iad sgrios a dhèanamh, 's bàtaraidhean cumhachdach annta.

Speuradair

Tha an speuradair Ameireaganach, Scott Kelly, air tilleadh gu talamh às dèidh bliadhna, cha mhòr, a chur seachad air an stèisean fànais eadar-nàiseanta. 'S e an t-Aimeireaganach as fhaide bha a-riamh a-muigh bho àille na planaid. Chur e seachad 340 là air an stèisean a' cuairteachadh na talmhainn.

  • 02 Mar 2016