selfcatering_online
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Faochadh a thaobh cuid de riaghailtean lockdown

3 An t-Iuchar 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fhuair cuid beagan faochaidh an-diugh agus feadhainn de riaghailtean an lockdown air lagachadh.

Chan fheum clann fo aois dusan bliadhna astar de dhà mheatair a chumail bho chèile.

'S urrainn do dhaoine siubhail nas fhaide na còig mìle airson cur seachad.

Agus tha e a-nis ceadaichte do thaighean fèin-fhrithealaidh fosgladh.

Ach mar a tha Shona Nic a' Phiocair ag aithris chan eil cead fhathast aige taighean-òsta, gnìomhachasan leabaidh is breacaist, neo àitichean-bidh fosgaladh.