Naidheachdan 11:00m

Johnson

Fàgaidh Boris Johnson a dhreuchd mar cheannard air a' Phàrtaidh Thòraidheach an-diugh. Ach fuirichidh e mar Phrìomh Mhinistear gus an tèid cuideigin a chur na àite agus tha duil ri sin ro cho-labhairt nan Tòraidhean anns an Dàmhair.

Thuirt Priomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach robh Mgr Johnson riamh comasach air a bhith na Phrìomh Mhinistear ach gu bheil na trioblaidean anns a' Phàrtaidh Thòraidheach a' dol gu math nas doimhne na aon duine. Thuirt Ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, gur e faochadh a th' ann gu bheil Mgr Johnson a' falbh agus thuirt e a-rithist gum feum taghadh coitcheann a bhith ann.

SNP

Tha duine òg a tha ag obair dhan SNP, agus air an tug am ball-pàrlamaid, Patrick Grady, ionnsaigh dhrabasta, a' cumail a-mach gu bheil am pàrtaidh a' maoigheadh air gun tèid a chronachadh an dèidh dha post-dealain a chur e a-mach a' gearan mun dòigh san do dhèilig an SNP ris a' chùis. Thuirt an duine, nach eil 'son innse cò e, nach robh roghainn aige ach post-dealain a' sgaoileadh oir gun robh e den bheachd nach robh duine sa phàrtaidh a' toirt feart air.

Càball

Tha dòchas as ùr ann do chaball dealain ùr tarsainn a' Chuain Sgìth le dearbhadh gun d' fhuair plana 'son tuath-gaoithe mhòr faisg air Steòrnabhagh taic-airgid ann an rùp an riaghaltais. Tha coltas ann le taic do thuath Lewis Wind Power, comhla ris na tuathan-gaoithe a th' ann mar tha agus feadhainn eile a thigeadh gu buil ri linn seo, gun gabh argamaid nas fhearr dèanamh 'son ceangal nas motha eadar na h-eileanan agus tìr-mòr.

Rabhadh

Thàinig rabhadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd gum faodadh cion-airgid buaidh a thoirt air planaichean 'son bun-sgoiltean ùra anns an Ath Leathann agus ann an Dùn Bheagain san Eilean Sgitheanach. Fhuair pàrantan litir ag ràdh gu bheil e sìor fhàs doirbh dhan ùghdarras, le buidseatan teann agus cosgaisean ag èirigh, a dhol air adhart le pròiseactan calpa a chuir iad romhpa. Thuirt an Comhairliche Sgitheanach, Iain Fionnlasdan, Cathraiche Comataidh Foghlam na Comhairle, gur e seasamh oifigeil na comhairle gun toir iad an dà phroiseact sin gu buil.

Uibhist

Tha companaidh bhusaichean a tha a' toirt luchd-turais air chuairt anns na h-eileanan ag ràdh gur e nach eil earbsa aca anns na seirbheisean aiseig as coireach gu bheil iad a' sguir a dhol a dh'Uibhist. Chuir GB Tours dheth naoi tursan a dh'Uibhist am-bliadhna agus a h-uile turas an ath-bhliadhna agus tha luchd-gnothaich a' gearain mun droch bhuaidh orrasan.