Naidheachdan 11:00m

Boris

Tha an treas àrd-Thòraidheach air a dhreuchd fhàgail sa mhadainn an-diugh. Thuirt Robin Walker, a bha na Mhinistear 'son Sgoiltean, gu bheil mearachdan agus dìth na fìrinne a' fàgail sgleò air an Riaghaltas. Dh'fhàg dithis eile na bu tràithe an-diugh, Will Quince agus Laura Trott. Tha Sràid Downing ag ràdh nach cuir buill a' fàgail maill air a' Phrìomhaire no air obair an Riaghaltais. Bidh Mgr Johnson fo thuilleadh sgrùdaidh an-diugh fhathast aig Ceistean a' Phrìomhaire agus aig Comataidh Inbhe nan Cumantan.

Luchd-siridh Comraich

Tha mu 40 duine an grèim an dèidh rannsachaidh phoilis eadar-nàiseanta an aghaidh ghràisgean a tha a' gabhail brath air luchd-siridh comraich. Tha oifigearan den bheachd gun robh a' ghràisg seo an sàs ann an cur nan deichean mhìltean luchd-siridh comraich tarsainn Chaolas Shasainn gu mì-laghail sna 18 mìosan mu dheireadh.

Banca Shasainn

Thuirt leas-riaghladair aig Banca Shasainn gun dèan iad na dh'fheumas 'son nach bi an Rìoghachd Aonaichte ceangailte ri atmhorachd mhòir. Thuirt Sir Jon Cunliffe nach eil dùil aig a' Bhanca ri fàs eaconamach 'son bliadhna no dhà fhathast, ach thuirt e gum biodh e cunnartach pàigheadh a chur suas ro mhòr 'son daoine a chuideachadh mu choinneimh buaidh nam prìsean àrda.

Àrachas

Nì atharrachadh ann an cìs an àrachais nàiseanta, a thàinig gu buil an-diugh, buannachd do chòrr 's 2m duine air tuarastail ìosail. Chan fheum duine àrachas nàiseanta a phàigheadh a-niste gus an coisinn iad còrr 's £12,500 sa bhliadhna. 'S e beagan nas lugha na £10,000 an starsaich a bha ann.

RAC

Tha sgrùdadh a rinn buidheann nan dràibhearan, an RAC, ag ràdh gun do dh'èirich prìs liotair connaidh còrr 16.5sg sa chumantas air a' mhìos seo chaidh. Sin an t-àrdachadh mìosail as motha bho thòisich clàradh ann an 2000. Tha an RAC a' cumail a-mach gu bheil prothaid an luchd-reic air dùblachadh.

Aiseagan

Tha buidheann ùr ann an Uibhist ag iarraidh airgid-dhìolaidh bho Riaghaltas na h-Alba 'son na chaill eaconamaidh na sgìre nuair a bha an an t-seirbheis aiseig eadar Loch Baghasadil agus Tìr-Mòr dheth 'son cola-deug anns a' Chèitean. Tha Buidheann Fiosrachaidh Gnothachasan Aiseag Loch Baghasdail ag ràdh gun do chaill an sgìre còrr 's £600,000. Agus tha iad ag ràdh gum feum Caledonain Mac a' Bhriuthainn seirbheis aiseig nas fhèarr a chumail riutha.

Gleaner

Thàinig rabhadh bhon chompanaidh Gleaner a tha a' cur connaidh LPG dha na h-eileanan gum faodadh trioblaid a bhith ann nuair a bhios cidhe Ùige dùinte 'son sia mìosan bhon Dàmhair. Tha iad ag ràdh nach gabh troimhe-chèile seachdnadh mura tig fuasgladh eadar Caledonian Mac a' Bhriuthainn, Còmhdhail Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd.