Naidheachdan 11.00m

Chris Pincher

Tha cuideam air Boris Johnson seann leas-àrd-chuip nan Tòraidhean a chasg mar bhall-pàrlamaid. Chuir Chris Pincher an dreuchd sin bhuaithe agus casaidean ann gun tug e ionnsaigh dhrabasta air dithis fhear ann an cluba prìobhaideach ann an Lunnainn oidhche Chiadain. Dh'aidich Mgr Pincher gun do dh'òl e cus agus gun do nàraich e e fhèin agus daoine eile. Tha na Làbaraich ag ràdh gum feum Mgr Johnson a' chuip a thoirt bhuaithe agus gum feum làn-rannsachadh a bhith ann. Thuirt ball caibineit, Rùnaire na Cuimrigh, Simon Hart, gu bheil an Riaghaltas a' tuigsinn cudromachd na cùise agus gum bi còmhraidhean ann na-diugh mu shuidheachadh Mhgr Pincher.

Na Poilis

Tha poilis ann an Alba a' sgur bho 5:00f an-diugh den 'deagh rùn' as àbhaist dhaibh nan cuid obrach is iad fìor mhì-thoilichte leis an àrdachadh £565 a chaidh a thabhann orra. Bho 5:00f an-diugh cha dèan iad dad ach uairean obrach na sioft aca, agus ma 's e agus 's gun tèid òrdachadh dhaibh obair nas fhaide na sin, iarraidh iad am pàigheadh airson uairean a bharrachd.

Stailcean rèile

Thuirt riochdaire Network Rail, Tim Shoveller, gu bheil na h-uimhir de dhòchas aige gun gabh tuilleadh stailcean seachnach le aonta ris an aonadh RMT. Thuirt e gu bheil adhartas a' tighinn às na còmhraidhean a tha air a bhith aca bho bha stailcean na seachdain seo chaidh ann.

An Ucràin

Thuirt oifigich ann an ceann a deas na h-Ucràin gun deach 18 duine, le fios leotha, a mharbhadh an-raoir ann an ionnsaighean Ruiseanach air port Odesa. Chaill a' mhòr-chuid dhiubh sin am beatha nuair a bhual urchair ann am bloca flataichean.

Bugha Mòr

Tha feadhainn aig a bheil càirdean ann an Dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh diombach às aithisg a thog na h-uimhir de ghearainean mun ghoireas. Thuirt iad nach fhaca iadsan a-riamh an t-àite salach agus mì-sgiobalta mar a thuirt luchd-sgrùdaidh a thadhail gun fhiosta sa Chèitean. Ged a dh'iarr luchd-sgrùdaidh air na h-uimhir de rudan a chur ceart, mhol iad coibhneas an luchd-obrach do luchd-còmhnaidh. Tha an carthannas CrossReach, a tha a' ruith na dachaigh do dh'Eaglais na h-Alba, am beachd Bugha Mòr a dhùnadh aig deireadh na mìos seo agus iad ag ràdh nach eil airgead aca a nì càradh air an togalach.