Naidheachdan 11:00m

Chaidh binn dà bhliadhna sa phrìosan air tè a bha na ball-pàrlamaid aig an SNP agus a ghoid cha mhòr £25,000 bho dhà bhuidhinn a tha a' strì airson neo-eisimeileachd do dh'Alba. Chaidh Natalie McGarry, a tha 40, agus a bha a' riochdachadh taobh sear Ghlaschu eadar 2015 agus 2017 a dhìteadh anns a' Chèitean.

Dh'innis Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna gun tug iad òrdugh dhan Ruis gun binn-bhàis a chur air dithis Bhreatannach a chuir iad an grèim sa chogadh san Ucràin. Chuir cùirt-chogaidh Ruiseanach binn-bhàis air Aiden Aslin agus Shaun Pinner aig toiseach na mìos seo fo chasaid gur e saighdearan air cheannach a bha annta.

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba £65m de thaic armaichte ris an Ucràin. Tha sin na phàirt den £100m a tha an Rìoghachd Aonaichte a' cur ris a' chogadh an aghaidh na Ruis. Thuirt Rùnaire nan Cùisean Cèin, Liz Truss, a tha aig cruinneachadh NATO ann am Madrid, gu bheil cothrom ann fhathast an Ruis a chur a-mach às an Ucràin.

Tha prìsean àrda a' fàgail an treas cuid de dh'Albannaich a' cosg nas lugha air biadh agus stuthan eile a rèir Institiud Fraser of Allander. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil maill fhollaiseach ann an ath-bheòthachadh na-Alba an dèidh a' phandemic.

Draghan nan Iasgairean

Tha dragh air Caidreachas Iasgairean na h-Alba gum faodadh riaghailtean glèidhteachais an casg bho chòrr agus an dàrna leth de dh'uisgeachan na h-Alba. Tha an sgrùdadh ag ràdh gum faodadh, air a' char as miosa, cho mòr ri 56% den chuan a bhith dùinte orra eadar tuathan-gaoithe aig muir agus dìon air stoc an èisg agus gnothaichean mara eile. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil plana aca a nì cothromachadh air cleachdadh àrainneachd na mara.