Iarrtas son Sgoil Ghàidhlig eile ann an Glaschu

Feumaidh Comhairle Bhaile Ghlaschu tòiseachadh ag ullachadh 'son a' chòigeamh bun-sgoil Ghàidhlig sa bhaile, gun an ceathramh tè deiseil fhathast, ma thathas a' dol a choileanadh an iarrtais a tha ann airson foghlam Gàidhlig.

Sin beachd Stiùiriche Foghlam Bhòrd na Gàidhlig, Jim Whannel. Bha e a' toirt fianais do Chomataidh Foghlaim Holyrood mu phlana Gàidhlig na h-Alba son an ath chòig bliadhna.

Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn, Darren Linc.