Chaill Saints an Iochdair 4-0 ri High Ormlie Hotspur à Gallaibh

Chaidh Saints an Iochdair a chuir a-mach à Cupa Amaitearachd na Gàidhealtachd le High Ormlie Hotspur à Gallaibh.

Bha dà thadhal bho Liam Bain a fàgail Hotspur gu math cofhurtail aig leth ùine, mus d' fhuair Liam Bain an treas tè gus cur às do chothrom sam bith aig Saints. Fhuair Stiùbhart Caimbeul an tadhal a b' fheàrr den gheama, le slaic bho thaobh a-muigh a bhogsa - cha d' fhuair Connor Mac a' Phì eadar na puist faisg air, ach bha deagh là aige, is e a sàbhaladh breab-pheanais am measg sreth de shàbhalaidhean eile.