Iomagain an Ingliston

B' e an-diugh a' chiad là de dh'Fhèill Rìoghail na Gàidhealtachd taobh a-muigh Dhùn Èideann, a th' air tilleadh às dèidh do riaghailtean Covid a bhith air an togail.

Bidh an fhèill a' dol ceithir là, agus am bliadhna, tha iad a' comharrachadh dà cheud bliadhna bhon a thòisich i.

Ach tha staing nan cosgaisean bith-beò a' ciallachadh gu bheil iomagain mhòr air mòran thuathanach, mar a tha Annabel Nic'illinnein ag aithris.