Coltas fhathast gun tèid Dachaigh-chùram a' Bhugha Mòir a dhùnadh

Thuirt a' bhuidhean CrossReach nach eil dòigh ann fhathast air Dachaigh-chùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh a chumail fosgailte, a dh'aindeoin choinneamhan le teaghlaichean luchd-còmhnaidh agus NHS na Gàidhealtachd mu dheidhinn.

Le CrossReach a' lìbhrigeadh cùraim sòisealta às leth Eaglais na h-Alba chaidh moladh a dhèanamh Diciadain air obair na buidhne aig Àrd-sheanadh na h-Eaglaise ann a bhith a' dèiligeadh ri buaidh a' phandemic.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.