Naidheachdan 11:00m

Texas

Thuirt an Ceann-Suidhe Biden gun do dh'fhaillich air riaghaltas an dèidh riaghaltais atharrachadh a thoirt air lagh ghunnaichean nan Stàitean Aonaichte. Bha e a' bruidhinn an dèidh sgrios aig bun-sgoil ann an Uvalde ann an Texas far an do mharbh deugaire 19 duine de chloinn agus dithis thidsearan. Chaidh am fear-gunna, Salvador Ramos, a bha 18 bliadhna de dh'aois, a mharbhadh nuair a loisg poilis airsan.

Aithisg Sue Gray

Chaidh làn-aithisg Sue Gray air pàrtaidhean an Riaghaltais aig àm a' Ghlasaidh a thoirt do Shràid Dhowning. Chaidh innse dhan BhBC gu bheil mu 40 duilleag anns an aithisg agus dealbhan nam measg. Gheall Boris Johnson aithris do Thaigh nan Cumantan aon uair 's gun deadh aithisg an àrd-sheirbheisich chatharra fhoillseachadh.

Stailc Rèile

Bhòt a' mhòr-chuid de luchd-obrach na rèile aig Network Rail agus aig 13 de chompanaidhean trèana ann an Sasainn airson stailcean a dh'fhaodadh tòiseachadh air an ath-mhìos. Thuirt an t-aonadh RMT gu bheil an luchd-obrach ag iarraidh pàigheadh nas fheàrr agus tèarainteachd nan cosnadh.

An Ucràin

Thuirt arm na h-Ucràin gu bheil iad fo ionnsaigh mhòir Ruiseanaich ann an sgìre Donbas air taobh sear na dùthcha. Thuirt Riaghladair sgìre Luhansk gu bheil na Ruiseanaich a' tighinn orra bho gach taobh le mòran shaighdearan agus armachd.

M&S

Dh'innis Marks and Spencer gu bheil a' chompanaidh a' tarraing a-mach às an Ruis agus dùil aca gun caill iad còrr is £30m ri linn. Sgur M&S anns a' Mhàrt a chur stuth dha na bùthainnean a th' aca san Ruis, agus tha iad a-niste a' tighinn às uile gu lèir.

Krishna Singh

Chuir an Àrd-Chùirt ann an Glaschu binn dusan bliadhna sa phrìosan air dotair. Chaidh Krishna Singh, a tha 72 bhliadhna de dh'aois, fhaighinn ciontach air a' mhìos a chaidh air còrr is 50 casaid gun tug e ionnsaighean drabasta air faisg air 50 boireannach. Chuala a' chùirt gun do ghabh Singh brath air boireannaich fad 30 bliadhna, nuair a bha e na dhotair-teaghlaich ann an Siorrachd Lannraig.

Steòrnabhagh

Bidh coinneamh phoblach ann an Steòrnabhagh a-nochd mu dhol a-mach mì-shoisealta sa bhaile. Tha gearain air a bhith ann bho chionn ùine mu bhuidhnean de dh'òigridh a tha ri maoidheadh agus a' bagairt air daoine. Chuir còrr is 2,000 duine an ainm ri athchuing ag iarraidh dèiligeadh ris an trioblaid.