Naidheachdan 11:00m

Boris Johnson

Tha cuideam air Poilis a' Mhet innse carson nach deach càin air Boris Johnson agus dealbhan le ITV News ga shealltainn ag òl aig pàrtaidh aig Sràid Dhowning sa Ghlasadh san t-Samhain ann na 2020. Chaidh innse dhan BhBC gun deach càin air co-dhiù aon duine eile a bh' aig an dearbh chruinneachadh sin. Thuirt na Làbaraich gur e tuilleadh dearbhaidh a th' ann air prìomhaire a tha a' dèanamh dìmeas air an dreuchd.

Afganastan

Rinn comataidh pàrlamaid càineadh air an dòigh anns an do làimhsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an tarraing a-mach à Afganastan an-uiridh. Thuirt Comataidh nan Cùisean Cèine gum bu chòir dhan Àrd-Sheirbheiseach Catharra aig Oifis nan Dùthchannan Cèine, Sir Philip Barton, a dhreuchd fhàgail. Dh'fhuirich esan air saor-làithean fhad 's a bha àramach ann an Kabul. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine gun do rinn iad an dìcheall còrr is 15,000 duine a thoirt a-mach à Afganastan.

Scotrail

Thuirt aonadh nan dràibhearan trèana, Aslef, gum bi còmhradh neo-fhoirmeil aca an-diugh le Scotrail ro chòmhraidhean foirmeil Diardaoin. Tha sin a' tighinn an dèidh chlàr-ama ùr eadar-amail Scotrail, a thòisich an-dè, agus an treas cuid de na seirbheisean gan gearradh leis gu bheil dràibhearan a' diùltadh uairean a bharrachd obrachadh ri linn eas-aonta mu phàigheadh. Dhiùlt an t-aonadh àrdachadh pàighidh 2.2%.

Sìona

Fhuair am BBC sealbh air luchd mòr de dh'fhiosrachadh agus dealbhan bhon sgìre dhùinte Xinjiang ann an Sìona far a bheil mion-shluagh Uighir gan cuimail an grèim còmhla ri mion-chinnidhean eile. Am measg na tha san stuth a tha sin tha fianais air poileasaidh a tha ag iarraidh air geàirrd losgadh le gunna airson feadhainn a dh'fheuchas ri teicheadh a mharbhadh.

A' Ghàidhlig

Dh'iarr Comann nam Pàrant Nàiseanta co-ionnanachd fon lagh ris a' Bheurla dhan Ghàidhlig agus còir do phàrantan air foghlam Gàidhlig dhan cuid chloinne. Bha an comann a' toirt fianais do Chomataidh Gàidhlig Phàrlamaid na h-Alba an-raoir agus iad a' beachdachadh air bile ùr do chànain na h-Alba.