Clàr-ama ùr ScotRail

Aithris bhideo: Chaidh clàr-ama ùr ScotRail a'chuir a-sàs Diluain le faisg air seachd ceud seirbhisean gan gearradh mar thoradh air eas-aonta paighidh le draibhearan nan trèanaichean. Tha an atharrachadh a' ciallachadh nach bidh seirbheisean air grunn shlighean as deidh ochd uairean as t-oidhche.

Tha Aonadh nan Draibhearan, ASLEF ag radh nach eil ardachadh do dhà puing a' dhà sa cheud faisg air math gu leor nuair a tha ire na h-atmhòireachd air sreap gu naoi sa cheud. Aithris bhon fhear-naidheachd poileataigeach againn, Mìcheal MacNèill...