Naidheachdan 11:00m

Dh'iarr ceannardan gnìomhachais air an riaghaltas cabhag a dhèanamh le ceumannan airson dèiligeadh ri cosgaisean bith-beò agus airson dìon a chur air an eaconamaidh. Thuirt an Seansalair, Rishi Sunak, ri cruinneachadh an CBI, Caidreachas a' Ghnothachais agus Gnìomhachais, ann an Lunnainn an-raoir gu bheil e ag obair air plana agus gun geàrr e cìsean gnìomhachais ann am buidseat an fhoghair. Ach tha dragh air luchd-gnothaich gum bi sin ro anmoch agus gum bi an cron dèanta mun àm sin.

Post Rìoghail

Thuirt am Post Rìoghail gur e èirigh na h-atmhorachd as coireach gum feum iad prisean a chur suas agus cosgaisean a ghearradh. Dh'fhoillsich iad prothaid bhunaiteach de 8% ach cuideachd luach còrr 's £350m de ghearraidhean agus gur dòcha gum feum iad prìs nas motha iarraidh air cuid de na seirbheisean aca.

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil sgaoileadh shochairean sòisealta ùra fo smachd Dhùn Èideann a' dol gu math ach gu bheil na h-uimhir de chunnartan ann fhathast. Thuirt an t-Àrd-Neach-Sgrùdaidh gu bheil Riaghaltas na h-Alba ri am moladh 'son mar a chuir iad sochair na cloinne air bhonn aig àm a' phandemic. Ach dh'iarr aithisg Stephen Boyle air Riaghaltas na h-Alba ullachadh le dùil, ron bhliadhna 2026, gum bi cosgais air sochairean £760m nas motha na an t-suim a gheibh iad bho Westminster.

Thuirt Scotrail gu bheil iad an dòchas tilleadh gu clàran-ama àbhaisteach an ceann beagan sheachdainnean seach mìosan. Tha a' chompnaidh a' gearradh 700 seirbheis gach là, an treas cuid de na seirbheisean aca, bho Dhiluain seo tighinn eadar trioblaid le cion dhràibhearan trèana agus deasbad cuideachd ris an aonadh Aslef mu phàigheadh dhràibhearan.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid a' coinneachadh an-diugh airson a' chiad uair bho bha an taghadh ann. Cha deach aonta riaghlaidh a dhèanamh fhathast. 'S iad an SNP a bu mhotha a fhuair san taghadh le dusan ball ach chan eil mòr-chuid aca. Tha deichnear aig na Tòraidhean, seachdnar Neo-eisimeileach ann, agus còignear Lib Deamach.

Bidh na seirbhisean aiseig eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh dheth fad an là an-diugh an dèidh dhan Hebrides bualadh sa chidhe ann an Loch nam Madadh. Chan eil cinnt ann dè cho fada agus a bheir rannsachadh agus na tha a dhìth de chàradh air a' bhàta. Tha CalMac ag ràdh gum bi fiosrachadh ro 17:00f an-diugh mu na seirbheisean a-màireach agus chan eil slighe fosgailte taobh Ulapuil neo Steòrnabhagh oir tha na seirbheisean a tha sin uile làn.

Màille air trafaig

Chaidh màille mhòr air trafaig ann an Inbhir Nis sa mhadainn an dèidh do pholais rathad an A9 a dhùnadh gach taobh faisg air ceann-rathaid Chùil Lodair, rud a thug buaidh air mòran de rathaidean eile a' bhaile. Thuirt na poilis gun deach an gairm gu dragh mu chuideigin a bha a' coiseachd air an rathad mhòr goirid an dèidh 06:00m. Dh'fhosgail an A9 a-rithist goirid an dèidh 09:00m.