Uibhisteach na Cheannard air Comhairle nan Eilean Siar

Chaidh Ceannard agus Neach-Gairm ùr a thaghadh son Comhairle nan Eilean Siar.

'S e an Comhairliche Pòl Steele a Uibhist a Deas a tha na Cheannard air an ùghdarrras.

Chan eil comhairliche bho na h-Eileanan Mu Dheas air a bhith ann am fear de na h-àrd dhreuchdan bhon chiad chomhairle.

Bha taghadh chairtean a dhìth gus Neach-Gairm a thaghadh, agus 's e Coinneach MacLeòid a tha a' riochdachadh Nis san Taobh Siar a thàinig am bàrr air a cheann thall. Seo Ruairidh Rothach.