Iain Swinney 'duilich' mu dhàil nan aiseagan ùra

Thabhainn an Leas Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, leisgeul do mhuinntir nan eilean airson cho fada air dheireadh 's a tha an obair togail air dà bhàt'-aiseig ùr, agus na trioblaidean a dh'adhbhraich sin dhaibh.

A' bruidhinn aig toiseach oifigeil air cala ùr domhain ann an Steòrnabhagh, cha chanadh e nach biodh sgrùdadh poblach ann fhathast mu na h-aiseagan ùra.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.