Ceist mu thachartasan ann an Inbhir Nis

Tha High Life Highland air rabhadh a thoirt seachad gur dòcha nach tèid aca air cuid de thachartasan a chumail an Inbhir Nis sna mìosan a tha romhainn.

Thuirt iad gur ann air sàilleibh gun tèid sgeama teisteanasan banachdaich Riaghaltas na h-Alba a thòiseachdainn aig toiseach na h-ath mhìos.

Thuirt iad ge-tà gu bheil iad a' dèanamh leasachadh air prògram de shèorsa air choireigin eile, taobh a staigh nan riaghailtean, mar a tha Shona Nic a' Phìocair ag aithris.