Càite am bu chòir Pàirc Nàiseanta ùr a stèidheachadh?

Càite am bu chòir Pàirc Nàiseanta ùr a stèidheachadh an seo an Alba?

Tha na dhà dhiubh ann cheanam, sa Mhonadh Ruadh agus mu thimcheall Loch Laomainn is na Tròisichean.

Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba airson 's gun tèid co-dhiù tè eile a chomharrachadh san teirm seo dhan Phàrlamaid, agus co-cheannardan a' phàrtaidh nam ministeirean riaghaltais a-niste.

Tha e coltach gu bheil Gleann Afraig agus Taobh Siar Rois air a' Ghàidhealtachd am measg nan sgìrean far an rachadh aca air tè ùr ainmeachadh, mar a tha Alasdair MacLeòid ag aithris.