Naidheachdan 11:00m

Àrachas Nàiseanta

Tha mòran air an guthan a thogail an aghaidh phlanaichean an Riaghaltais aig Westminster airson cùram sòisealta ann an Sasainn a leasachadh le Àrachas Nàiseanta a chur suas airson pàigheadh air a shon. Dh'fhaodadh gun nochd na planaichean bhon Phrìomhaire a-màireach, ach tha mòran anns a' Phàrtaidh Thòraidheach fhèin, a thuilleadh air pàrtaidhean dùbhlannach, a' cur teagamh annta. Tha gearain ann gum biodh barrachd den chuideam a' tuiteam air daoine air tuarastal ìosal, na bhiodh a' tachairt le àrdachadh ann an cìsean àbhaisteach. Thuirt an SNP gum biodh seo a' fàgail dhaoine òga gu sònraichte a' pàigheadh airson mhearachdan Westminster ann a bhith a' dèiligeadh ri staing a' chùraim.

Oileanaich

Tha aonadh nan òraidichean oilthigh ag iarraidh gum bithear gu math faiceallach le oileanaich a' tilleadh gu làraichean oilthighean agus cholaistean na dùthcha. Thuirt Aonadh nan Oilthighean is nan Colaistean an Alba gun robh iad le dragh le mar a bha an àireamh chùisean den Choròna-bhìoras air a bhith ag èirigh. Tha cuid de dh'oilthighean a' cur fàilte air oileanaich ùra an t-seachdain seo. Mun àm seo an-uiridh bha sgapadh mòr de Chovid air adhbharachadh le oileanaich a' tighinn còmhla ann an tallaichean còmhnaidh agus an leithid.

Iomairtean Slàinte

Tha deich buidhnean carthannais air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh airson daoine a bhrosnachadh gun a bhith a' caitheamh tombaca, ag òl cus deoch-làidir no a bhith ag ithe biadh mì-fhallain. Tha na buidhnean ag ràdh gu bheil maill air tighinn air iomairtean an aghaidh a leithid rè a' phandemic. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh e na phrìomhachas dhaibh dèiligeadh ri droch chleachdaidhean slàinte, agus gun innis iad mar a tha iad am beachd seo a dhèanamh anns an ath phrògram reachdais aca. Nochdaidh sin an t-seachdain seo.

Afganastan

Tha sabaid chruaidh air a bhith a' dol ann an Afganastan ann an sgìre Phanjshir, an aon phàirt den dùthaich far a bheil feachdan dùbhlannach fhathast a' sabaid ris na Taliban. Tha iadsan a-niste a' cumail a-mach gu bheil smachd aca air an sgìre air fad, ach tha na dùbhlannaich air a bhith ag ràdh nach eil sin fìor.

Bidh am Prìomhaire Boris Johnson a' feuchainn an-diugh ri dìon a chur air mar a làimhsich e suidheachadh Afganastan ann an òraid ri Taigh nan Cumantan. Tha dùil gum foillsich e gum bi buidhnean carthannais an lùib an Airm a' faighinn £5m airson feadhainn a bha sna feachdan armaichte a chuideachadh le an slàinte-inntinn.

An Louisa

Tha rannsachadh tubaist bhàsmhoir a' tòiseachadh ann an Dùn Èideann an-diugh air mar a chailleadh triùir air bàt-iasgaich far Mhiughlaigh bho chionn còig bliadhna, às dèidh call an Louisa. Fhuair rannsachadh tubaist mhara ma thà gur e sreath mhearachdan agus easbhaidhean ann an uidheamachd an t-soithich a dh'adhbharaich am bàs.