Naidheachdan 11:00m

G7

Tha ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich air a ràdh nach eil ach aona fhuasgladh ann airson crìoch chruaidh ann an Èirinn a sheachnadh - 's e sin taic a chur ri protocol Èirinn a Tuath. Thèid a' chùis a dheasbad aig àrd choinneamh an G7 anns a' Chòrn. Thuirt Ursula von der Leyen gun robh i fhathast a' faicinn beàrnan mòra anns an dòigh anns a bheil Breatainn air na riaghailtean a chur an sàs.

Euros

Cumaidh Rùnaire na Slàinte an Alba, Humza Yousaf, còmhraidhean eile le Comhairle Bhaile Ghlaschu mu na planaichean airson farpais ball-coise Euro 2020. Bidh eòlaichean clionaigeach cuideachd an làthair gus coimhead air a bheil riaghailtean eile a dhìth aig Hampden neo aig an fanzone aig Glasgow Green. Tha cuid air a bhith a' càineadh nam planaichean airson leigeil leis na mìltean luchd-leantainn na geamannan a choimhead air scrìnichean mòra.

Rùnaire na Slàinte

Tha Rùnaire na Slàinte aig Westminster, Matt Hancock, air innse do chomataidh de bhuill-phàrlamaid nach eil fìrinn sam bith anns na casaidean a thog seann fhear-comhairleachaidh a' Phrìomhaire, Dominic Cummings, na aghaidh - gun do dh' innis e breugan aig toiseach a' phandemic. Dh' fhàg Mgr Cummings air Matt Hancock air a' mhìos a chaidh seachad gun do rinn e sreath de mhearachdan.

Hub Bharraigh

Tha mì-thoileachas fhathast ann am Barraigh mun hub coimhearsnachd ùr anns am bi goireasan fòghlaim, slàinte is seirbheisean eile. Tha aon de chomhairlichean an eilein a-nis air sgrìobhadh chun Leas-Phrìomh Mhinisteir mun chùis. Tha Dòmhnall Manford ag iarraidh air Iain Swinney oifis a stèidheachadh air an eilean a chumas fiosrachadh ris a' phoball mun leasachadh agus tha e ag ràdh gu bheil beachd làidir sa choimhearsnachd nach deach bruidhinn riutha ceart mu na th' anns an amharc.

Peairt

Tha poilis a tha a' rannsachadh bàs fireannaich ann am Peairt air fear a chur ann an grèim ann an Lunnainn. Chaidh corp Iain Menzies aois 55 a lorg ann am flat air Sràid Scott Oidhche Luain. Tha oifigearan air fear aois 36 a chur ann an grèim. Tha iad ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh tighinn air adhart.

Loganair

Tha a' chompanaidh adhair Loganair air gealltanas a thoirt gum bi iad neodrach a thaobh carbon ron bhliadhna 2040. Bhon chiad latha den ath-mhios - thèid cìs carboin not air a h-uile ticead aca. Thèid an t-airgead a thèid a chruinneachadh, tha iad ag ràdh, a chur a dh' ionnsaigh pròiseactan airson na tha gach itealain a' cruthachadh de charbon a lùghdachadh às an àrainneachd.