Alasdair Allan a' tilleadh a Holyrood

Bidh Alasdair Allan dhan SNP a' tilleadh a Dhùn Èideann a riochdachadh muinntir nan Eilean Siar às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh san taghadh - an ceathramh turas a shoirbhich leis.

Fhuair e faisg air 7,500 bhòt - cha mhòr 3,500 bhòt air thoiseach air an tagraiche Làbarach san dàrna àite.

Chan eil teagamh nach e ceist nam bàtaichean-aiseig agus cho riaslach, am beachd gu leòr, 's a tha seirbheisean dha na h-eileanan air a bhith fear de na cuspairean a bu mhotha air bh' air aire luchd-bhòtaidh agus an fheadhainn a bha a' farpais airson a bhith ag obair às an leth ann an Holyrood.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid