Dùil ri leasachadh aig cala Fionnphort is Eilean Ì

Às dèidh iomairt fad bhliadhnaichean, tha dùil gun tèid fasgadh a chuir air cala Fionnphort ann am Muile agus air taobh eile a'chaolais ann an Eilean Ì.

Tha Comhairle Earra Ghàidheil 's Bhòid a'beachdachadh an-dràsta air balla-mara a' stèidheachadh air gach ceann. Thèid sgrùdadh a dhèanamh chun an Dàmhair air dè a bhuaidh a dh' fhaodadh an leasachadh toirt air an àireannachd.

Thathar an dòchas an uairsin gun gabh cùmhantan a chuir a-mach gu tairgse.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.