Leudachadh air pròiseact do dhaoine gun dachaigh

Dh'innis pròiseact a tha a' toirt àite-fuirich san ùine fhada do dhaoine gun dachaigh ann an Dùn Èideann gun tig leudachadh air a' phròiseact, gus an tèid aca air barrachd dhaoine a chuideachadh. 

'S iad an aon fheadhainn san Rìoghachd Aonaichte a tha a' dèanamh a leithid.

An-dràsta, chan urrainn do Rowan Alba ach àite-fuirich, taic agus cuideachadh a thoirt do ghrunn dhaoine aig a bheil duilgheadas le deoch-làidir. 

Bhon ath-bhliadhna, thèid sin a dhùblachadh agus iad air togalach ùr a cheannach. 

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.