Iomairt ùr mu Hub Bharraigh

Tha iomairt a' leantainn ann am Barraigh 's Bhatarsaigh ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar beachdachadh a-rithist air na planaichean airson hub ann am Bàgh a' Chaisteil far am biodh seirbheisean foghlaim, slàinte agus cur-seachad.

'S fhada bho chaidh bruidhinn an toiseach air a' phròiseact, a chosgadh còrr air leth-cheud millean Not, agus a tha air a bhith connspaideach.

Seo Shona Nic a' Phiocair.