Breatannais ann an cunnart

Tha an cànan Breatannais ann an cunnart a dhol à bith.

Tha an sgaradh eadar an cànan a tha ga bruidhinn le luchd-ionnsachaidh agus feadhainn aig an robh i bho thùs air fàs cho mòr is nach eil e comasach dhan dà bhuidheann ach còmhraidhean gu math sìmplidh a chumail.

Sin a-rèir eòlaiche-cànain a th' air grunn bhliadhnaichean a chur seachad a' rannsachadh na cùise.

Tha tuilleadh aig Calum MacLeòid.