Sgrùdadh ga iarraidh air CalMac agus CMAL

Bu chòir sgrùdadh neo-eisimeileach a bhith ann mu sheirbheisean ChalMac agus mu CMAL a tha an urra ris na soithichean aca.

Seo beachd Chathraiche Comhairle Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil agus Bhatarsaigh, Brian Currie, agus fearg air agus air gu leòr eile air feadh nan Eilean Siar mu mar a tha suidheachadh nan seirbheisean aiseig a' toirt buaidh air coimhearsnachdan agus gnothachasan.

Seo Eilidh NicLeòid.