Naidheachdan 11:00m

Meagsago

Chaill 23 duine air a' char as lugha am beatha ann am Mexico City nuair a thuit drochaid le trèana a' siubhal oirre aig an àm gu rathad trang gu h-ìosail. Chaidh mu 70 duine eile a ghoirteachadh. Tha aithrisean ann gun robh feadhainn a bha a' fuireach faisg air làimh a' gearain gun robh sgàineadh ann am bunaitean na drochaid an dèidh crith-thalmhainn bho chionn ceithir bliadhna.

Siubhal dhan EU

Tha oifigich an Aonaidh Eòrpaich ag ullachadh plana airson siubhail nach eil deatamach a cheadachadh a-rithist à dùthchannan eile. Bheireadh am plana sin cead do dhaoine siubhal dhan EU cho fada 's gun d' fhuair iad an dàrna banachdach Chovid cola-deug ro làimh air a' char as giorra. Tha dùil ri fiosrachadh Dihaoine mu chead siubhal à Sasainn gu saor-làithean thall-thairis. Ach cha tuirt Riaghaltas na h-Alba fhathast cuin a thogas iad riaghailtean an seo.

An G7

Tha ministearan cèine dhùthchannan beartach an G7 a' coinneachadh aghaidh ri aghaidh airson a' chiad uair ann am faisg air dà bhliadhna. Tha a' choinneamh ann an Lunnainn gu bhith a' deasbad a' choup a bh' ann am Myanmar bho chionn ghoirid, càirdeas ri Sìona agus an Ruis, agus mar a bhios na feachdan Aimeireaganach a' fàgail Afganastan anns an t-Sultain.

Hub Bharraigh

Tha iomairt a' dol air adhart ann am Barraigh agus Bhatarsaigh ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar beachdachadh a-rithist air planaichean airson hub ann am Bàgh a' Chaisteil, far am biodh seirbheisean foghlaim, slàinte agus cur-seachad. Tha am pròiseact, a chosgadh còrr is £50m, air a bhith connspaideach, agus tha tuilleadh mì-thoileachais ann bho chaidh na planaichean mionaideach fhoillseachadh air a' mhìos a chaidh.

Taigheadas Sgitheanach

Tha Iomairt an Eilein, a tha a' gearain nach eil taighean ann do dhaoine òga a bhuineas dhan Eilean Sgitheanach an dùil coinneachadh a dh'aithghearr ri comhairlichean na sgìre. Tha sin an dèidh dha tighinn am follais gun do ghabh Comhairle na Gàidhealtachd £45,000 bho Tulloch Homes gus nach fheumadh iad sin sia flataichean a tha iad an dùil a thogail ann am Port Rìgh a reic aig prìs reusanta. Tha fear-gnothaich eile am beachd 16 taighean a thogail air iomall a' bhaile gun chinnt fhathast dè seòrsa prìs a bhios orra sin. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach gabhail ris an t-suim airgid bho Tulloch Homes airson nam flataichean ùra bho nach bi ann ach àireamh ghlè bheag dhiubh.

Air fhoillseachadh