Rathaidean robach

Le riaghailtean a' ghlasaidh-sluaigh a' lagachadh tha gnìomhachas na turasachd ag ullachadh airson fàilte a chur air luchd-turais a-rithist.

Ach tha iomagain san Eilean Sgitheanach agus ann an Loch Aillse nach deach gu leòr a dhèanamh sna mìosan a dh'fhalbh airson rathaidean a thoirt gu ìre far a bheil iad a' freagairt air sluagh mòr a bhith a' tadhal.

Tha cuideachd dìth loidhnichean is chomharran air na rathaidean gam fàgail cunnartach, tha cuid ag ràdh, gu h-àraidh do dhaoine nach eil eòlach orra.

Ag aithris bhon Eilean Sgitheanach, seo Alasdair MacLeòid.