Buaireadh a' leantainn mu sheirbheisean aiseig

Thuirt CalMac gu bheil dùil a-nis nach bi an Loch Seaforth air ais ann an seirbheis airson seachdainean fhathast.

Tha i an-dràsta san doca-tioram le einnsean briste agus an Isle of Lewis agus an Isle of Arran na h-àite eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Ach chan eil Comhairle nan Eilean Siar idir toilichte leis an sin agus iad ag iarraidh ath-sgrùdadh air structar Chalmac.

Dh' fhulaing lìonra ChalMac buille eile an-diugh cuideachd agus an Clansman air brìsteadh air a slighe a-mach às an Oban.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.

Air fhoillseachadh