Naidheachdan 11:00m

Oifis a' Phuist

Thàinig riaghladh bho chionn beagan mhionaidean bho Chùirt an Ath-Thagraidh a tha a' cur às do dhìteadh an aghaidh 39 duine a bha nam maighstirean agus bana-mhaighstirean puist. Thug Oifis a' Phuist còrr air 700 dhiubh sin gu lagh eadar 2001 agus 2014, 's iad a' fàgail orra gun robh iad ri foill agus goid airgid. Chaidh feadhainn dhiubh sin dhan phrìosan. Thàinig e am follais an dèidh sin nach do rinn iad dad ceàrr, agus gur ann an siostam coimpiutair ùr Horizon aig Oifis a' Phuist aig an àm a bha mearachdan. Thuirt luchd-lagha gur e ana-ceartas cho mòr 's a bha riamh ann an eachdraidh na Rìoghachd Aonaichte.

Na h-Ìnnseachan

Tha cha mhòr casg uile gu lèir air siubhal eadar na h-Ìnnseachan agus an Rìoghachd Aonaichte. 'S ann anns na h-Ìnnseachan an-dè a-rithist a bha an clàradh làitheil as motha air cùisean ùra de Chovid seach dùthaich sam bith eile bho thòisich am Pandemic. Bha còrr is 330,000 cùis ùr ann, a' cur tuilleadh cuideim air siostam slàinte a tha fìor chugallach.

Banachdaichean

Tha eòlaichean a' sìor chreidsinn gun cuir banachdaichean smachd air Covid-19. Tha am fiosrachadh as ùire mu bhanachdaich Pfizer agus Oxford AstraZeneca san Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil aon dòs dhiubh sin a' gearradh air ais gu mòr air a' chunnart gun gabh duine an galar, agus gu bheil a h-uile coltas cuideachd gu bheil iad a' cur stad air uimhir de sgapadh.

Am Pentalina

Tha luchd-gnothaich deònach pàigheadh iad fhèin airson a' chatamaran am Pentalina fhastadh airson bathar a chur air ais 's air adhart eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Tha iad air bruidhinn mar thà ri Pentland Ferries leis a bheil am Pentalina 's iad ag ràdh nach urrainn dhaibh cur suas ris an t-seirbheis a chuir Caledonian Mac a' Bhriuthainn an àite an Loch Seaforth a th' anns an doc an-dràsta le einnsean briste. Chan eil iad ag iarraidh, tha iad ag ràdh, ach gum pàigh Riaghaltas na h-Alba na cìsean cala.

Super League

Thuirt am banca tasgaidh a chuir taic ris na molaidhean airson "super league" Eòrpaich nach do thuig iad idir cho mòr 's a bhiodh a' choimhearsnachd ann am ball-coise an aghaidh a leithid. Thuirt JP Morgan gun gabh iad aire dhan dòigh san deach cur an aghaidh a' phlana, a thuit às a chèile dà là an dèidh dha tighinn am follais aig toiseach na seachdain seo.

Air fhoillseachadh