Naidheachdan 11:00m

CalMac

Tha trioblaidean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn le bàtaichean-aiseig a' sìor dhol nas miosa. Tha an Clansman a' tilleadh an-dràsta fhèin dhan Òban an dèidh trioblaid a thòisich air an t-slighe a Cholla agus a Thiriodh anns a' mhadainn an-diugh. Bha i sin cuideachd a' dèanamh seirbheis Cholbhasa, 's chan eil fios fhathast dè cho fada 's a bhios i na tàmh. Tha CalMac gann de bhàtaichean co-dhiù 's an Loch Seaforth le einnsean briste san doc. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar an-dè gu bheil CalMac air muinntir nan Eilean a leigeil sìos, 's nach eil am bàta-bathair a tha iad a' cur an àite an Loch Seaforth, an Isle of Arran, math gu leòr. Chaidh pàirt de sheirbheis an t-Samhraidh eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair ann am Muile a ghearradh cuideachd agus trioblaid aig a' bhàt-aiseig a tha sin, an Coruisk.

Urram Cogaidh

Nì Rùnaire an Dìon, Ben Wallace, aithris ann an Taigh nan Cumantan feasgar an dèidh rannsachaidh a thuirt gur e cultar de ghràin-cinnidh a bu choireach nach d' fhuair daoine dubha agus Àisianaich a chaill am beatha a' sabaid às leth Ìmpearachd Bhreatainn anns a' Chogadh Mhòr aithne mar a bu chòir. Dh'iarr Comisean Uaighean Cogaidh a' Cho-Fhlaitheis an leisgeul gu foirmeil a ghabhail airson còrr is 116,000 duine nach d' fhuair an aon urram ri daoine geala.

A' Ghnàth-Shìde

Bidh an Ceann-Suidhe Biden os cionn coinneimh bhiortail còrr is 40 de cheannardan an t-Saoghail an-diugh a' deasbad Atharrachadh na Gnàth-Shìde. Tha dùil ri gealltanas ùr bho chuid dhiubh gun geàrr iad truailleadh chàrboin. Tha Mgr Biden ag amas air truailleadh nan Stàitean Aonaichte ann an 2030 a ghearradh gu leth na h-ìre a bh' ann ann an 1990.

Manifesto nan Làbarach

Tha leudachadh air cùram cloinne an asgaidh anns a' mhanifesto a tha Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a' foillseachadh an-diugh, cola-deug chun an là mus bi taghadh Holyrood ann. Tha na Làbaraich ag ràdh gun dèan sin leasachadh air bochdainn, gun cruthaich e cosnadh, agus gun cuidich e boireannaich gu obair. Tha gealltanas ann cuideachd air cothrom cosnaidh do dh'fheadhainn nas òige na 25 bliadhna, agus pàigheadh £12 anns an uair air a' char as lugha do luchd-obrach ann an cùram sòisealta.

Na h-Uainich

Thuirt ceannard Pàrtaidh Uaine na h-Alba gu bheil e an urra ri am ballrachd a bheil iad airson co-bhanntachd a dhèanamh leis an SNP. Bha Pàdraig Harvey a' freagairt ceist air a' BhBC an-diugh mu dè nì iad mura faigh an SNP mòr-chuid anns an taghadh air an t-siathamh là den ath-mhìos. Thuirt e ge-tà, gum faodadh diofar poileasaidh a bhith na cnap-starra.