Naidheachdan 11:00m

Thuirt an seann Phrìomhaire Dàibhidh Camshron gu bheil e deònach, ma thèid iarraidh air, fianais a thoirt do rannsachadh pàrlamaid mun bhuidhinn Greensill Capital. Agus chaidh innse do sheirbheisich chatharra gum feum iad innse ro a-màireach a bheil iad ag obair os leth chompanaidhean. Tha sin an dèidh dha tighinn am follais gun robh Àrd-Sheirbheiseach Catharra ri linn Dhàibhidh Chamshroin ag obair aig an aon àm mar chomhairliche do Ghreensill Capital.

Tubaist Iasgaich

Tha dithis anns an ospadal ann an Glaschu an dèidh tubaiste air bàt-iasgaich mu dhusan mìle an ear -dheas air Barraigh an-raoir. Chaidh bàta-teasairginn Bharraigh agus sgioba Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh a dhèanamh cobhair orra beagan ro 9:00f. Thog heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh aon fhear dhiubh, agus rinn heileacoptair Mhaor-Cladaich Phreastabhaig cobhair air an fhear eile.

MV Loch Seaforth

Bidh deireadh na mìos ann air a' char as tràithe mus till an Loch Seaforth dhan t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul an dèidh do dh'einnsein briseadh. Tha an Isle of Lewis, a tha nas lugha agus nach toir bathar leatha a' dol na h-àite, ach tha dragh ann mun bhuaidh air eaconomaidh nan eilean le dùil ri turasachd tòiseachadh a-rithist an taobh a-staigh cola-deug.

COP26

Thuirt àrd-riochdaire do chuid de na dùthchannan as bochd a th' air an t-saoghal gum feum ullachadh dhan mhionaid mu dheireadh airson cruinneachadh na gnàth-shìde COP26 a chumail ann an Glaschu anns an t-Samhain. Tha beachdan às ùr air a bhith ann bho chionn ghoirid gum bu chòir a' cho-labhairt a chur dheth an dàrna turas ri linn a' Phandemic, ach thuirt Fekitamoeloa Utoikamanu, riochdaire an UN airson nan dùthchannan deireannach, gum bi buannachd fada nas motha ann an cruinneachadh ceart seachd co-labhairt bhiortual.

Herriot-Watt

Tha luchd-saidheans aig Oilthigh Herriot-Watt ann an Dùn Èideann ag obair air torradh nàdarra a chur an àite phetrochemicals agus ola pailm ann an stuth làitheil mar bhiadh agus maise-gnùise. Tha an torradh nàdarra a' tighinn à bacteria agus meanbhag anns a' mhuir. Tha dòchas ann gun gabh a chleachdadh an àite stuthan synthetic nach eil a' seargadh agus a tha dona dhan àrainneachd.