MV Loch Seaforth briste

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhruthainn gum bi an MV Loch Seaforth a mach à seirbheis gu deireadh na mìos agus einnsean air fàiligeadh.

Thèid an MV Isle of Lewis a thoirt gu tuath airson seòladh eadar Ulapul is Steòrnabhagh, agus cha bhith seirbheis bathair ann tron oidhche gus an till i.

Tha seo aig Domhnall MacLaomainn.